BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

A' sgrìobhadh Aithisg
As dèidh trioblaid leis a' choimpiutair, tha an aithisg agam a-nis anns an òrdugh cheàrr. An urrainn dhutsa mo chuideachadh? Leugh gach pìos sgrìobhaidh.

A' cleachdadh am bucas fo gach pìos, tagh an òrdugh anns am bu chòir dhan sgrìobhadh nochdadh anns an aithisg. Nuair a bhios thu deiseil, brùth am putan "Tha mi deiseil".
Èist


'S e adhbhar na h-aithisg seo fiosrachadh a thoirt seachad air an dòigh anns a bheil rocaidean a' dol dha na speuran. Èist



Nuair tha criutha na rocaid deiseil de an obair shuas anns na speuran, tha iad a' stiùireadh an inneil air ais gu talamh. Èist



Nuair a tha an rocaid a' fàgail an ionad-losgaidh, tha tòrr ceothaidh a' tighinn a-mach às na h-einnseanan aice. Tha einnseanan sònraichte aig rocaid airson neart a thoirt dhi a dhol suas do na speuran. 'S e einnseanan neartachaidh an t-ainm a tha orra. Èist



Air an t-slighe suas do na speuran, tha astar na rocaid a' fàs nas luaithe. Tha an rocaid a' cleachdadh na h-einnseanan neartachaidh a tha air gach taobh dhi airson barrachd cumachd a thoirt dhi. Tha an criutha am broinn na rocaid ga stiùireadh don àite freagarrach sna speuran. Tha siostam iùil aca airson an cuideachadh. Èist



Mus tèid rocaid suas do na speuran, feumar a bhith cinnteach gu bheil i sàbhailte. As dèidh don rocaid a bhith air a h-ullachadh mar is còir, tha i deiseil airson a dhol air an ionad-losgaidh. 'S e inneal mòr a tha seo far am bi an rocaid a' seasamh, deiseil airson siubhal do na speuran. Èist



Fhad 's a tha an rocaid anns na speuran, faodaidh an criutha a tha na broinn a thighinn a-mach aiste. Feumaidh grèim a bhith aca fhathast air an rocaid gus nach bi iad a' flodradh air falbh. Tha innealan ceangailte ris a' chriutha a tha a' toirt ocsaidean dhaibh gus an tèid aca air anail a tharraing. Èist
Air ais
Clàr-innseFaidhle na FacalSgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is PàrantanCeisteanDè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy