|   |  |  | | | aithisg | sgrìobhadh far a bheil thu a' rannsachadh cùis agus ag innse dè fhuair thu a-mach gus am bi fios aig daoine eile mu dheidhinn | | | | a' chiad phearsa | a' cleachdadh 'mi' | | |  | | | ceumannan stiùiridh | na ceumannan a dh'fheumas tu a ghabhail airson gnìomh a chrìochnachadh, sgrìobhte anns an òrdugh cheart | | | | co-dhùnadh | pìos sgrìobhaidh goirid a tha a' tarraing cuspair an sgrìobhaidh gu chèile | | | | coltas-duilleige | an dreach a tha air an fhiosrachadh sgrìobhte air an duilleig | | | | cànan brosnachail | cànan a tha ga do mhisneachadh airson rudeigin a dhèanamh | | |  | | | fo-thiotal | tiotal goirid a tha a' sgaradh pìosan fiosrachaidh | | |  | | | geàrr-chunntas | mìneachadh goirid den phrìomh fhiosrachadh | | gnìomhair | facal a tha ag innse dè tha cuideigin no rudeigin a' dèanamh | | |  | | | leabhar-là | sgrìobhadh pearsanta anns an tràth chaithte agus anns an òrdugh anns an do thachair e a tha a' clàradh nan rudan a th'aig duine ri dhèanamh no rudan a tha iad air a dhèanamh agus uaireannan na faireachdainnean a th'aca | | litir fhoirmeil | litir neo-phearsanta air a sgrìobhadh airson puing no beachd shònraichte a chur thairis | | loidhne tìm | fiosrachadh sgrìobhte ann an an òrdugh a rèir cuin a thachair e | | |  | | | neo-phearsanta | rud nach eil mu fhaireachdainnean pearsanta | | |  | | | prìomh fhiosrachadh | am fiosrachadh as cudthromaiche mu chuspair | | puingean sònraichte | abairtean goirid, air an comharrachadh le dotag, a tha ag innse a' phrìomh fhiosrachadh | | |  | | | seòladh | ag innse far a bheil daoine a' fuireach | | |  | | | tràth caithte | fiosrachadh a tha sgrìobhte mar gu bheil e air tachairt cheana | | | | tràth làthaireach | fiosrachadh a tha sgrìobhte mar gu bheil e tachairt an-dràsta | | |  | | | uaim | sreath de dh'fhacail a tha a' tòiseachadh leis an aon fhuaim | | |
  |
 |