|  |  |  | 
Prògram 1 Abair Spòrs
Airson leabhar-aithris, cuimhnich:
- Sgrìobh mu thachartasan anns an òrdugh anns an do thachair iad.
- Innis: cò bha ann cuin a thachair e càite an robh thu dè thachair cleachd an trath caithte.
Prògram 2 - Tè ris nach robh dùil
Tha rud neo dhà a dhfheumas tu a chumail nad chuimhne. Feuch gum faigh thu a-mach:
cò ris a bha an tè a chaidh fhaicinn coltach. cò a chunnaic i cuin a bha i ann càite an robh i dè bha i a dèanamh?
Tha e uabhasach cudromach gum faigh thu na rudan sin a-mach oir s e sin a bhitheas an luchd-leughaidh airson a leughadh.
Prògram 3 Bho bùrach gu bhonnach
Tha reasabaidh ann airson adhbhar. Tha e ag innse dhut:
na stuthan a tha a dhith ort. tha ceumanan ann airson gach rud a dhfheumas tu a dhèanamh feumaidh tu na ceumanan sin a leantainn ann an ordugh.
Tha reasabaidh cuideachd ag innse dhut de an teas aig am feum an amhainn a bhith, agus de cho fads a dhfheumas a cheic a bhith san amhainn.
Prògram 4 Cuidich sinn
Cha toigh leis na sgoilearan am biadh. Tha iad airson biadh nas fhearr fhaighinn. Uill, feumaidh iad litir a sgriobhadh ag innse carson nach toigh leotha am biadh agus de seòrsa biadh a tha dhìth orra. Feumaidh iad cuideachd a bhith cinnteach gu bheil fianais aca gu bheil cuisean cho dona s a tha iad ag radh.
Prògram 5 - Fèill is fealla-dhà
Ma smaoinichas tu air, aon de na prìomh rudan a tha postair dhen t-seòrsa sin a feuchainn ri dhèanamh, s e a bhith a toirt a chreidsinn ort gu bheil feum agad air an rud a tha iad ag iarraidh a reic riut.
Prògram 6 - Aithisg na sìde
Aithisg - sgrìobhadh far a bheil thu a rannsachadh mu rud agus an uairsin tha thu ag innse do dhaoine eile dè fhuair thu a-mach gus am bi fhios acasan mu dheidhinn.
Prògram 7 Mìneachadh
Airson aithisg a sgrìobhadh, feumaidh an toiseach ro-ràdh a bhith agad airson innse co ma dheidhinn a tha thu a sgrìobhadh. Aon uair is gu bheil fiosrachadh agad, feumaidh tu am fiosrachadh sin a chuir ann an òrdugh a tha ciallach. Tha sin gu math cudthromach. Bithidh e nas fhasa ma chleachdas tu faclan mar:
an toiseach
an uair sin... an ath rud... às dèidh sin... aig an aon àm... gus a bheil... aig an deireadh
Cuidichidh na faclan sin thu gus an t-òrdugh cheart a sgrìobhadh.
Prògram 8 A choiseachd mhòr
Tha airteagail Ruairidh airson daoine nach robh riamh air an t-Slighe seo iad fhèin. S dòcha nach eil fhios aca càite a bheil i. S e cunntas-pearsanta a tha ann a tha ag innse co ris a bha e coltach.
Prògram 9 Duais gun dùil
Cuimhnich:
co dhà a tha thu a sgrìobhadh carson a tha thu a sgrìobhadh thuige innis a h-uile càil a thachair ann an òrdugh innis ciamar a bha thu a faireachdain aig gach àm.
Prògram 10 Am peann òir Tha mi a leughadh an leabhar-latha agam airson fiosrachadh fhaighinn mu na rudan a thagam ri dhèanamh agus càite bheil agam ri dhol gach là. Uaireannan, bidh sgrìobhadh mu fhaireachdainnean ann an leabhar-là. |  |  |
  |
 |