BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Fiosrachadh do thisearan agus phàrantan


Ioma-rud 2 - Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail
Tha làrach Ioma-rud a’ tairgsinn taic a thaobh Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail aig Ìre B/C.

Tha an t-sreath ag amas air sealltainn do sgoilearan mar a thèid iad an sàs ann an diofar sheòrsachan sgrìobhaidh, mar:

· litrichean
· postairean
· aithrisean
· reasabaidhean
· cunntasan pearsanta

agus gan cuideachadh
· le briathrachas a dh'fhòghnas gus prìomh thachartasan, fhiosrachadh no smuaintean a chur an cèill
· a' beachdachadh leis an tidsear agus / no an co-aoisean
· gus ath-dhreachd a thoirt gu buil

5-14 Sgrìobhadh (Stiùireadh Nàiseanta t.d.22)

'S ann air Sgrìobhadh aig Ìre B/C a tha an t-sreath seo a' cuimseachadh, gu h-àraidh air na h-iallan:

Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail


Mar a Chleachdar làrach Ioma-rud
Tha na còig aonadan san làraich a' tabhann obair air-loidhne do chloinn air an seòrsa sgrìobhaidh agus cànain a tha a' tighinn a-steach ann a bhith:

A' sgrìobhadh Litir Fhoirmeil,
A' leantainn Cheumannan,
A' cruthachadh Phostairean,
A' sgrìobhadh Aithisg agus
A' cumail Leabhar-là.

Coltach ri na làraich eile, faodar seo a chleachdadh le, no gun, fuaim, Mar sin faodaidh an tidsear fuaim a chleachdadh airson taic a thoirt do chuid de na sgoilearan agus a' leigeil le feadhainn eile an teacsa a leughadh.

A bharrachd air leasachadh air sgilean a thaobh cànain, tha a bhith a' cleachdadh na làraich-lìn na chuideachadh do chloinn le sgilean IT.

Faidhle nam Facal
Tha na prìomh fhacail bhon t-sreath telebhisein agus an làrach-lìon ann am Faidhle nam Facal.

Bheir Faidhle nam Facal taic ann a bhith a’ cur crìoch air obair na làraich. Faodar cuideachd a chlò-bhualadh agus a chleachdadh air leth bhon làraich.

Notaichean Tidseir
Tha na notaichean a tha a’ dol an cois sreathan rèidio agus telebhisein Ioma-rud rim faotainn air làrach BBC Alba, cuide ri notaichean airson gach prògram foghlaim a tha air BBC Craoladh nan Gaidheal.

Sgrìobhadh Ruairidh
Tha ochd de na pìosan sgrìobhaidh a bha anns na programan telebhisein, Ioma-rud Sreath 2, rim faotainn air làrach Ioma-rud. Faodar an cur an clò.

Dè thuirt Sìne?
An seo chì sibh agus cluinnidh sibh na molaidhean agus na prìomh phuingean-stiùiridh air Sgrìobhadh Gnìomhachail agus Pearsanta a thug Sìne, neach-deasachaidh Ioma-rud do Ruairidh, an sgrìobhaiche, anns na prògraman telebhisein.

'S e cuimhneachan a tha an seo do sgoilearan air cuid de na nithean dom feum iad aire a thoirt nuair a bhios iad a’ sgrìobhadh stòiridh macmeanmnach.

Chaidh na h-aonadan a sgrìobhadh le Cathaidh NicLeòid.
Chaidh na dealbhan an dèanamh le Keith Robson.
Tha Ioma-rud air a cho-mhaoineachadh le Comataidh Craolaidh Gàidhlig.

Clàr-innseFaidhle na FacalSgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is PàrantanCeisteanDè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy