Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Carson a tha uimhir à Colombia a' sabaid ann an cogaidhean air feadh an t-saoghail? Why is Colombia the source of so many of the world's mercenaries?

Tha eachdraidh air leth duilich air a bhith aig Colombia sna bliadhnaichean mu dheireadh - eadar gràisgean dhrugaichean, reubaltaich, agus trioblaidean eaconamach. Ach tha an dùthaich an-diugh air fhaicinn mar àite dham buin trioblaid eadar-nàiseanta - saighdearan a bhios a' gabhail pàigheadh son sabaid ann an cogaidhean air feadh an t-saoghail. Carson a tha Colombia san t-suidheachadh seo? Tha an tè-naidheachd Maureen NicLeòid a' bruidhinn ri Cathy mun trioblaid sa.

Cluinnidh sinn cuideachd mu na h-àitichean as fheàrr son dealbhan a thogail ann an Dun Èideann, còmhla ri triùir a tha air leth eòlach air a bhaile.

Tha Patsi NicChoinnich ag aithris às a' Fhraing mu mar a tha prìsean is dìth connaidh a' toirt buaidh air suidheachadh poilitigeach is eaconamach na dùthcha.

Agus dè an òran Albannach a bu chaomh leibhse chluinntinn a-rithist aig cuirm neo cèilidh? Tha triùir còmhla ri Cathy a tha gu math eòlach air òrain thar nam bliadhna: Tormod MacNoughtan, Mal MacLeòid, agus Dòmhnall MacCoinnich a' toirt am beachdan fhèin seachad air a' chuspair.

29 days left to listen

57 minutes

Last on

Yesterday22:25

Broadcasts

  • Yesterday09:00
  • Yesterday22:25