Episode details

Available for 29 days
Tha sinn air tòrr a chluinntinn mu mar a tha buaidh aig cogaidhean an Ear Mheadhanaich air margaidhean ionmhais na cruinne. Ach a bheil cuid a' faighinn buannachd nach bu chòir bho fhiosrachadh poilitigeach sna margaidhean? Agus càite bheil a' loidhne a thaobh a' lagh ann an ceistean dhen leithid? Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain nar cuideachd le mhìneachadh. 'S iomadh cù-chaorach a tha trang air croitean is monaidhean na h-Alba - agus h-abair gu bheil coilidhean ainmeil airson an cuid gliocais agus an cuid chomasan. Ach cò an coilidh a bu ghlice a bha agaibh a-riamh? Tha triùir a tha gu math eòlach air coin thar nam bliadhna a' freagairt na ceist sin. Agus 's i Lena Mhoireasdan, à Abhainn Suidhe anns na Hearadh, ar cèiliche an t-seachdain sa. Thill Lena dhachaigh goirid as deidh Covid an deidh a bhith air falbh son deugachadh bhliadhnaichean - is i a-nise ag obair ann an eilean a tha gu math eadar-dhealaichte an-diugh. Ach dè an tarraing a th' ann dhith, agus dè tha ga tarraing fhèin gu bhith ag obair le a' luchd-turais bho thill i?
Programme Website