Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,23 Apr 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 28 days

Tha eachdraidh air leth duilich air a bhith aig Colombia sna bliadhnaichean mu dheireadh - eadar gràisgean dhrugaichean, reubaltaich, agus trioblaidean eaconamach. Ach tha an dùthaich an-diugh air fhaicinn mar àite dham buin trioblaid eadar-nàiseanta - saighdearan a bhios a' gabhail pàigheadh son sabaid ann an cogaidhean air feadh an t-saoghail. Carson a tha Colombia san t-suidheachadh seo? Tha an tè-naidheachd Maureen NicLeòid a' bruidhinn ri Cathy mun trioblaid sa. Cluinnidh sinn cuideachd mu na h-àitichean as fheàrr son dealbhan a thogail ann an Dun Èideann, còmhla ri triùir a tha air leth eòlach air a bhaile. Tha Patsi NicChoinnich ag aithris às a' Fhraing mu mar a tha prìsean is dìth connaidh a' toirt buaidh air suidheachadh poilitigeach is eaconamach na dùthcha. Agus dè an òran Albannach a bu chaomh leibhse chluinntinn a-rithist aig cuirm neo cèilidh? Tha triùir còmhla ri Cathy a tha gu math eòlach air òrain thar nam bliadhna: Tormod MacNoughtan, Mal MacLeòid, agus Dòmhnall MacCoinnich a' toirt am beachdan fhèin seachad air a' chuspair.

Programme Website
More episodes