Main content

Luing, Tiriodh, Colla, Eilean Ì, Diùra

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. Sa phrògram mu dheireadh tha e a' toirt sgriob tro Luing, Tiriodh, Colla, Eilean Ì agus Diùra.

Gheibh sinn sgeulachd 'Màiri agus an Cat' bho Nina Langley à Tiriodh, cluinnidh sinn bho Sheonaidh Moireasdan à Colla mu a chur-seachad a' dèanamh fhidheallan agus mu obair là.

Rugadh is thogadh Seonaidh Caimbeul ann an Eilean Ì, ged a bha e a' fuireach ann am Muile, agus innisdh e mar a bha e ri bàrdachd.

B' ann an Diùra a rugadh Dòmhnall MacSuain agus gheibh sinn a-mach beagan mu eachdraidh an eilein bhuaithe.

A thuilleadh air a sin, cluinnidh sinn òrain aig Dòmhnall Mac a' Phiocair agus Còisir Sgoil Rockfield, port air an fhidheall bho Raibeart MacAnndrais agus bàrdachd air Eilean Ì aig Seonaidh Caimbeul.

22 days left to listen

30 minutes

Last on

Last Sunday21:30

More episodes

Previous

Next

Coming soon

See all episodes from Tobar an Dualchais

Broadcasts

  • Wed 31 Dec 202515:30
  • Last Sunday15:30
  • Last Sunday21:30