Episode details

Available for 23 days
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. Sa phrògram mu dheireadh tha e a' toirt sgriob tro Luing, Tiriodh, Colla, Eilean Ì agus Diùra. Gheibh sinn sgeulachd 'Màiri agus an Cat' bho Nina Langley à Tiriodh, cluinnidh sinn bho Sheonaidh Moireasdan à Colla mu a chur-seachad a' dèanamh fhidheallan agus mu obair là. Rugadh is thogadh Seonaidh Caimbeul ann an Eilean Ì, ged a bha e a' fuireach ann am Muile, agus innisdh e mar a bha e ri bàrdachd. B' ann an Diùra a rugadh Dòmhnall MacSuain agus gheibh sinn a-mach beagan mu eachdraidh an eilein bhuaithe. A thuilleadh air a sin, cluinnidh sinn òrain aig Dòmhnall Mac a' Phiocair agus Còisir Sgoil Rockfield, port air an fhidheall bho Raibeart MacAnndrais agus bàrdachd air Eilean Ì aig Seonaidh Caimbeul.
Programme Website