Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Seonaidh A MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath.

Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 9: 9-10 air fonn Evan agus 's e an t-Urramach Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 32: 1-2 air fonn St David agus 's e Gordon MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urramach Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.

Leughadh: Lùc 23: 26-43
Ceann-teagaisg: Lùc 23: 43

Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an àm sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhràthair. Thàinig atharrachadh na bheatha bho còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh an dèidh sin. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 7 Dec 202509:00
  • Sun 7 Dec 202515:00