Main content

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by Rev John MacLeod from the Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh e leanas:

Salm 139 : 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 126: 3-6 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Free North ann an Inbhir Nis
Salm 04: 7-8 air fonn London New agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh: 1 Peadar 5: 1-14
Ceann-teagaisg: 1 Peadar 5:10

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

1 day left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 14 Dec 202509:00
  • Sun 14 Dec 202521:00