
còmhla ris an Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch.
Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 85: 7-8 air fonn Bangor agus 's e Coinneach MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 1: 1-2 air fonn Evan agus 's e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost.
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Ùige, an Eilean Sgiathanaich
Leughadh: Salm 119: 1-16
Ceann-teagaisg: Salm 119: 11
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 30 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Nov 202515:00BBC Radio nan Gàidheal