
còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte
Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte, Steòrnabhagh. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leugahadh a leanas:
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus 's e Coinneach MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Salm 23: 5-6 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Leughadh: Salm 17: 13-15
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e 18. Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin bha e na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chur e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
Broadcasts
- Sun 23 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Nov 202515:00BBC Radio nan Gàidheal