Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort, Skye.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 126: 1-2 air fonn Morven agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seirbheis le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 04: 7-8 air fonn Walsall agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seirbheis le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urr Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Nis.

Leughadh: Salm 25: 1-11
Ceann-teagaisg: Salm 25: 6-7

Tha Maighstir MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an t-Òib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 16 Nov 202509:00
  • Sun 16 Nov 202515:00