
A' cuimhneachadh air an là chaidh Mo Johnston gu Rangers
Deich thar fhichead bliadhna bho chaidh Mo Johnston gu Rangers. Thirty years since Mo Johnston signed for Rangers. [email protected]
Cluinnear na beachdan agus cuimhneachain aig Dòmhnall K Mac a' Phì, a tha a' leantainn Celtic, agus Murchadh Moireasdan, a tha a' leantainn Rangers, mu aon de na tachartasan as connspaidich ann an eachdraidh ball-coise na h-Alba - an là chaidh Mo Johnston gu Rangers.
Tha Padraig MacAmhlaigh a' toirt iomradh air sgeulachd-beatha John Maynard Keynes, fear de na prìomh luchd-eaconamachd bhon fhicheadamh linn. Gu h-ainmeil, rinn esan fàidheadaireachd air na cunnartan a bha an lùib nam peanasan ionmhais troma a chaidh a sparradh air A' Ghearmailt às dèidh a’ Chogadh Mhòr. Bha iad clàraichte anns an Treaty of Versailles agus bhrosnaich iad dìoghaltas am measg sluagh na dùthcha dìreach mar a dh’aithnich e.
Agus tha Mìchael Klevenhaus ag innse mu dheidhinn Ursula von der Leyen, a tha an ìmpis a bhith na ceann-suidhe ùr air a’ Choimisean Eòrpach (EC). Gheibh sinn cuideachd mìneachadh bho Dhòmhnall Iain Mac Aonghais agus Niall Mitchison mu obair cinn-suidhe an EC agus taghadh nan ceannardan Eòrpach san fharsaingeachd. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 10 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal