
Sùil air am fasan ùr a bhith a' snàmh a-muigh
Sùil air am fasan ùr a bhith a' snàmh a-muigh. The growing popularity of wild swimming. bbc.co.uk/coinneach
Cluinnear bho thriùir aig a bheil eòlas a bhith a' snàmh a-muigh, cleasachd a tha gu mòr san fhasan na làithean 'sa. Innsidh Tormod MacAoidh, Sean O' Driscoll agus Calum MacIlleathain mun tarraing a th'ann dhaibhsan agus na buannachdan a tha na lùib airson ar slàinte, bodhaig agus inntinn.
Mar phàirt den chuairt aca mu chuairt sgìre Bhàideanach agus Srath Spè, tha Coinneach agus Seumas Grannd a' faighinn deagh shealladh air beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.
Agus bidh farpais cheist sònraichte ri chluinntinn le Mairi Bremner, Ailig Greumach agus Murdo Angus Macleòid a' freagairt cheistean stèidhichte air eachdraidh Pàrlamaid na h-Alba agus fichead bliadhna den phàrlamaid air a' chomharrachadh bho chionn ghoirid. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 9 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal