
Luach nam mòintean anns an t-strì an aghaidh Atharrachadh Gnàth-shìde
Luach nan mòintean anns an t-strì an aghaidh Atharrachadh Gnàth-shìde. The vital role of peatlands in the fight against climate change. [email protected]
Chaidh ainmeachadh gun tig £11 millean a bharrachd a chur ma seach airson a bhith ag ath-bheothachadh mòintean Ghallaibh is Chataibh, dachaigh dha na boglaichean mònach as motha sa Roinn Eòrpa. Tha mòintean deatamach a-thaobh a bhith glasadh carbon, rud a tha cudromach anns na h-oidhirpean gus dèiligeadh le blàthachadh na cruinne. Ach, dè ga-rìreabh a tha sònraichte mu dheidhinn na mòintean seo, agus dè tha e a ciallachadh a thaobh mar a bhios sinn a’ coimhead agus a’ dèiligeadh riutha bho seo a-mach? Cluinnear na beachdan aig Robyn Ireland, Domhnall S Moireach agus Coinneach MacIllInnein.
Cothrom eile èisteachd ri Coinneach agus an Dotair Ailean Turner 's iad a’ dol cuairt air Abaid Dhùn Phàrlain, a chaidh a' stèidheachadh anns an aona linn deug agus far a bheil Raibeart Brus air a thiodhlacadh.
Agus tha sinn a' tadhal air Gibraltar far a bheil Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean 2019 a' tachairt. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 11 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal