Episode 14
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Liz Shaw agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Ann an Oisean a' Ghràmair tha an t-Ollamh Michel Byrne a' comhead ri mar a thathas ag ràdh "before" ann an Gàidhlig agus tha fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he meets up with learner Liz Shaw and finds out about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 14
Duration: 55:59
![]()
Tar-sgrìobhadh: Ciadfathan
Duration: 01:59
![]()
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd
Duration: 01:22
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 20:59
Tar-sgrìobhadh: Cho Luath ’s a Ghabhas
Iain: Ceist a h-aon. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Cèist a dhà. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Ceist a trì. Bha am bàta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Na freagairtean a-nis! A’ chiad cheist a-rithist a Phòl?
Iain: Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Catriona Lexy: Cuir ceud ri dà cheud an toiseach, sin trì cheud. Seasgad is ceathrad a’ dèanamh ceud eile. Ceithir cheud gu lèir. Ceithir cheud!
Iain: Ceist a dhà. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Catriona Lexy: Cuimhnich am puing a ghluasad aon àite chun an taobh chlì nuair a tha thu roinn le deich. Am freagairt? Seachd puing sia trì.
Iain: Ceist a trì. Bha am bàta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Sheòl i aig fichead mionaid às dèidh deich. Fichead mionaid às dèidh deich. ’S math gun do sheòl i an uair sin fhèin!
Iain: Sin na freagairtean! Ciamar a chaidh dhut?
Faclan Feumail
cuir ri – add
lùghdaich – subtract
thoir air falbh – subtract
dealaich – divide
pàirtich – divide
roinn – divide
equals – dèanamh
ionnan – equal
meudaich - multiply / increase
àireamhaich – calculate
dèan coimeas – compare
tuairmse - estimate/guess
nas motha – bigger
as motha – biggest
nas lugha - smaller/ less
nas lugha na - smaller than
as lugha - smallest/ least
tomhais – measure
àireamh chothromach - even number
àireamh chòrr - odd number
Tar-sgrìobhadh: Ciadfathan
Ciadfathan le Dr Ruairidh Caimbeul agus Dr Iain MacAonghais
Dr Ruairidh Caimbeul: Tha dlùth-cheangal eadar fàileadh agus blas. Tha an dà chuid a’ dol còmhla, agus tha an dà chuid feumach airson do dhìon. Nist’, nuair a bhios sinn a’ bruidhinn air blas, tha e inntinneach gu bheil puinnseanan ann agus gu bheil iad cha mhòr air fad searbh. Mar sin, ma tha thu a’ toirt stuth searbh nad bheul, tha thu ga chaitheamh a-mach, agus anns an dòigh sin, tha e gad dhìon. Nist’, tha an dà chuid cho dlùth ri chèile ’s a ghabhas a bhith. Chan eil agad ach grèim a dhèanamh air do shròin nuair a tha thu ag ithe, agus tha thu a’ call a’ chuid mhòr dhen bhlas air a’ bhiadh.
Dh’fheuch eòlaichean air daoine agus an sùilean dùinte agus an t-sròn air a bhlocadh, agus cha b’ urrainn dhaibh a dhèanamh a-mach an diofar eadar uinnean air a phronnadh agus ubhal air a phronnadh. Tha sin a’ sealltainn cho dlùth ’s a tha an dà chuid ri chèile.
Dr Iain MacAonghais: Air an latha a th’ ann, agus na seòrsa bùithtean a gheibh thu anns na bailtean mòra is a leithid sin. Tha bùithtean ann far am faigh thu biadh, agus margaid cuideachd far am faigh thu biadh a tha dìreach a’ tighinn, dìreach o thuathanas neo leithid.
Ach, chan eil an aon bhlas air feòil neo air sitheann circe neo leithid sin ’s a bh’ air nuair a bha sinne òg agus bha na cearcan againn fhìn, bha na tunnagan againn fhìn is mharbhadh duine caora is a leithid sin. ’S ann ainneamh a gheibh thu am blas an-diugh às na bùithtean mòra, biadh às na bùithtean mòra, a gheibheadh tu air a’ bhiadh air an do thogadh sinne. Agus nuair a dh’fhairicheas tu blas ceart, fallain, nàdarra mar gum biodh, cha mhòr nach...tha e dìreach na aoibhneas dhut.
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd
Le Ali ‘Buidhe’ MacCoinnich
Ali: A-rèiste, bhrist’ an cogadh a-mach is chaidh mo challaigeadh air falbh. Ach, thàinig mi dhachaigh a-rèiste, is ’s e geamaireachd a bha na, ’s e sin an rud dheth a bha nam inntinn …. a dhèanamh. Is shìn mi air dol a dh’àiteigin son na seusan. Bha mi an Leitir Iù is thall rathad Ulapul, is bha mi a’ dol dhiofar àite a h-uile bliadhna. Bha thu ag ionnsachadh mòran bho na seann gheamairean eile is rudan mar sin.
Bha mi bliadhnaichean ann an Geàrrloch an seo fhèin mus deach mi ann na mo gheamair, agus chaidh mi ann na mo gheamair o chionn fhada cuideachd, ann a naoi ceud deug is dà fhichead ’s a sia. Shin an obair a bh’ agam a-rèiste, bha mi sin riamh gus an do sgur mi a dh’obair.
Cailean MacIlleathain: Ciamar a dh’ionnsaich sibh ur dreuchd mar gheamair?
Ali: Bha m’ athair ris an obair, ri iasgach is ri gilleachd is ri mònadh. Bha e dìreach annam, bha e ann gu nàdarrach cha chreid mi. ’S e a b’ fheàrr leam a dhèanamh na rud sam bith eile. ’S e obair chruaidh a bh’ ann ach nuair a bha an inntinn agad dha, cha robh thu ga shaoilsinn cho dona.
Oisean a’ Ghràmair 14 : RO agus MUS (‘BEFORE’)
‘before, previously’: roimhe
Chunnaic mi roimhe i. ‘I’ve seen her before.’
An rud a thuirt thu roimhe – ‘The thing you said before’
Dè an dath a bha air a falt roimhe? ‘What colour was her hair before?’
riamh roimhe ‘(n)ever before’
Cha do rinn mi seo riamh roimhe. ‘I’ve never done this before.’
an latha roimhe an oidhche roimhe ‘the other day’ ‘the other night’.
Bha mi bruidhinn riutha an latha roimhe. ‘I was speaking to them the other day.’
Bha sinn aig pàrtaidh an oidhche roimhe. ‘We were at a party the other night.’
‘before’ + ainmear: RO
Ciamar a bhios tu a’ gabhail fois ro ghèama?
‘How do you relax before a game?’
Tha an t-eagal ormsa ro choin.
‘I’m scared of dogs.’
Tha mi an-còmhnaidh nearbhasach ro thuras plèana.
‘I’m always nervous before a flight.’
Ro + sèimheachadh: ro ghèama ro choin ro thuras
‘before the’: ron (singilte) ro na (iolra)
ron Bhòrd ‘before the Board, in front of the Board’
ron chogadh ‘before the war’
ron choinneimh ‘before the meeting’
ron drochaid * ‘before the bridge’
ron turas * ‘before the journey’
* d/t: gun sèimheachadh (d/t never lenite after ‘the’):
air a’ bhòrd ach air an doras
ron bhòrd ach ron drochaid
aig a’ bhaile ach aig an taigh
ron bhaile ach ron turas
Iolra (‘plural’):
Tha an t-eagal orm ro na coin agad.
‘I’m scared of (before) your dogs.’
Chì mi thu ro na gèamannan.
‘I’ll see you before the games.’
‘before’ + riochdair (mi, thu, e, i, etc.) : ROMHAM, ROMHAD, ROIMHE, etc.
ro + mi: romham
ro + thu: romhad
ro + e: roimhe
ro + i: roimhpe
ro + sinn: romhainn
ro + sibh: romhaibh
ro + iad: romhpa
Thèid mi steach romhad. ‘I’ll go in before you.’
Tha obair gu leòr romham. ‘I’ve got plenty work ahead of me.’
Seall romhad. ‘Look in front of you’.
Chuir mi romham... ‘I decided, I resolved to...’
Chuir mi romham togail orm sa bhad.
I resolved/decided to set off immediately.
Dè chuir thu romhad a dhèanamh?
‘What did you decide to do?’
Dè chuir ise roimhpe a dhèanamh?
‘What did she decide to do?’
‘Before’ + gnìomhair : MUS
Mus falbh thu, dùin na h-uinneagan.
‘Before you go, close the windows.’
Am faigh mi facal ort mus falbh thu?
‘Can I have a wee word before you go?’
Seall romhad mus toir thu leum.
‘Look in front of you before you take a leap’, ‘Look before you leap.’
Bidh e meadhan-oidhche mus bi an dìnnear deiseil.
‘It’ll be midnight before dinner’s ready.’
Bha mìos ann mus d’fhuair sinn cothrom bruidhinn a-rithist.
It was a month before we got a chance to talk again.
Mus canadh tu diog, thug an cat na buinn às.
‘Before you could say woof (‘say a syllable’), the cat took to its heels.’
Mus toir sibh fhèin na buinn àsaibh,...
Before you yourselves scamper...
PUINGEAN A BHARRACHD
Air uairean, mus = ‘in case, lest’:
Thoir an aire mus tuit thu! ‘Careful in case you fall!’
Cluinnear mun/mum airson mus cuideachd:
Seall romhad mun toir thu leum. ‘Look before you leap.’
Mum falbh thu, glas na h-uinneagan. ‘Before you go, lock the windows.’
Cluinnear reimhe, reimhid agus roimhid airson roimhe (‘previously’).
Chan fhaca mi gin dhiubh reimhid. ‘I’ve not seen any of them before.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 21 Jun 201521:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Jun 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Jun 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jun 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Oct 201521:32BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Oct 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Oct 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Oct 201510:29BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Apr 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Apr 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Apr 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Apr 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



