Main content

Episode 13

Episode 13 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdainsa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Caomhann MacLachlainn agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he meets learner Kevin MacLachlan to find out about his learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

52 minutes

Last on

Sun 4 Apr 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Sàr-Chlàr

Le Iseabail Nic an t-Sagairt


Iseabail: Bha i, bha i onarach. Bha i airson bruidhinn a-mach mu ana-cheartas agus còirichean, a bharrachd air gaol agus bristeadh-cridhe is rudan mar sin. Ach, bha i airson bruidhinn a-mach agus leis gur e boireannach a bh’ innte, bhuail sin mi cuideachd tha mi a’ smaoineachadh. Bha mi a’ faighinn sin uabhasach exciting tha mi cinnteach gun robh i cho làidir, cho làn feirg, cho deònach lìbhrigeadh na beachdan làidir a bh’ aice anns an dòigh cumhachdach.


Agus mar sin, tha mi a’ smaoineachadh uile gu lèir nuair a tha thu a’ smaoineachadh mu deidhinn a thaobh a comas, a thaobh briathran, a h-ìomhaigh, eil fhios agad, bha i ag amharc cho annasach leis a falt rùisgte. Ach, bha i cho làidir, ach aig an aon àm, bha i cho bòidheach cuideachd, agus tha mi a’ smaoineachadh gu h-iomlan gun robh i mar annas agus nach robh duine ann cosmhail rithe ged a bha daoine man Siouxsie Sioux is na Banshees agus Suzanne Vega mun cuairt aig an àm, cha robh iad cosmhail rithe.


Tha mi a’ smaoineachadh a’ chiad òran air a’ chlàr The Lion and the Cobra, ’s e Mandinka a th’ ann. Agus, tha sin a’ tòiseachadh cruaidh, làidir cruaidh, agus chanadh tu gun robh e gu math rocky. ’S e buille giotar gu math sìmplidh, ach gu math cruaidh a th’ ann, is chanadh tu gun robh, tha blasad de na eighties ann, de na h-ochdadan ann, ach dha mo thaobhsa, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e fhathast maireannach mar gum biodh.


Ach, feumaidh mi ràdh gur e a guth daonnan an rud a tha a’ dèanamh a h-uile rud sònraichte.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hurst

Sgrìobhte le Maoileas Caimbeul


Dàibhidh Walker: Bha an taigh ann an Surrey, faisg air Cranleigh, air an dùthaich a bha e. Taigh mòr, eireachdail, suidhichte ann an fichead acair fearainn. Timcheall air, bha gàrradh a bha stèidhichte o chionn linntean le seann chraobhan agus lèanagan rèidh àlainn air an cumail gu grinn.


Bhon gheata mhòr iarainn suas gu ruigeadh an dorais aghaidh leis na colbhan spaideil Greugach, bha rathad còmhnard dìreach, agus rùm gu leòr air beulaibh an dorais airson treud chàraichean.


Thàinig an duine a-nuas na steapaichean, an duine leis an robh an taigh, Jon Fairley. B’ e aon dha na daoine a bu bheartaiche san dùthaich, agus cha robh e ga fhalach ann an dòigh sam bith. ’S ann a bha e pròiseil às mar a bha e air faighinn air adhart na bheatha.


Cha robh na athair ach mèinnear ann an Durham. Durham! Mo chreach ’s a thàinig, far an robh na mèinnean a’ dùnadh gun sgur nuair a bha e na ghille beag. A-nis, bha mèinneadh airson gual an ìre mhath san taigh-tasgaidh, na phàirt de dh’eachdraidh.

Tar-sgrìobhadh: Aileag

Isabelle Bain (bhon t-sreath Albannaich Ainmeil)


Isabelle: Rugadh David Livingstone ann an 1813 ann am baile beag air a bheil Blantyre, faisg air Glaschu. ’S e aon de na rannsachairean as ainmeil a th’ ann. B ’e Crìosdaidhean a bh’ ann am pàrantan David agus mus robh e fichead bliadhna a dh’aois, bha e air inntinn a dhèanamh an àirde a bheatha a chur seachad ag innse mun t-Soisgeul ann an dùthchannan fad às. Dh’ionnsaich e a bhith na dhotair cuideachd airson ’s gum b’ urrainn dha daoine a chuideachadh fhad ’s a bha e ag innse dhaibh mun Bhìoball. Cheumhnaich e aig aois fichead ’s a seachd agus bha e a’ faireachdainn deiseil airson tòiseachadh air obair.


Ann an 1840, sheòl David Livingstone a dh’Afraga airson an t-Soisgeul a sgaoileadh ann am pàirtean dhen dùthaich nach robh daoine air an rannsachadh. Air an t-slighe dhan dùthaich, bha e air bòrd soitheach fad trì mìosan agus, anns an àm sin, dh’ionnsaich e mar a chleachdadh e quadrant, rud a bhiodh seòladairean a’ cleachdadh gus lorg fhaighinn air càit’ dìreach an robh iad aig muir. Air sgàth seo, b’ urrainn dha mapaichean a dheànamh dha àiteachan ann an Afraga far nach robh duine geal sam bith a-riamh roimhe.


Stèidhich e stèisean mission ann an Mabotsa a-measg treubhan Afraga ann an 1842. Às dèidh dha a bhith a’ fuireach leis fhèin airson dà bhliadhna, phòs Livingstone Mary, nighean caraid leis Dr Moffat, agus bha sianar chloinne aca. Às dèidh greis, bha e fhèin agus a bhean airson gluasad nas fhaide tuath far nach robh na h-Afraganaich air cluinntinn mu Dhia. Ann an 1847, thog iad stèisean ùr, ochdad mìle nas fhaide tuath na bha iad ron a sin.


A thuilleadh air a bhith a’ sgaoileadh Soisgeul Dhè, bhiodh e cuideachd a’ feuchainn ri leigheasan fhaighinn airson daoine a bha tinn. Air sgàth ’s gun robh dragh aige mun deidhinn agus gun robh e gan slànachadh, bha fiù ’s na nàiseantaich a’ cur an earbs’ ann.


A bharrachd air a bhith a’ searmonachadh agus a’ leigheas dhaoine, chuir Livingstone an t-uamhas tìde seachad a’ rannsachadh. Dà bhliadhna às dèidh dha taigh a thogail, chaidh e air a’ chiad turas gu tuath, ceudan de mhìltean air falbh. Rannsaich e iomadh àite às dèidh seo, agus b’ e a’ chiad duine geal a chunnaic Victoria Falls, eas a dh’ainmich e fhèin às dèidh Banrigh Bhreatainn aig an àm, Queen Victoria. 

Oisean a’ Ghràmair 13: ÀIREAMHAN (2)

+ ainmear singilte + sèimheachadh (Faicibh Notaichean 12), m.e.


Dà phuing ‘2 points’ dà fhacal ‘2 words’ dà mhionaid ‘2 minutes’


dà shùil ‘two eyes’
le mo dhà shùil ‘with my own two eyes’.
Bha mi ag iasgach air Loch Nis, agus chunnaic mi an uilebheist le mo dhà shùil.
‘I was fishing on Loch Ness and saw the monster with my own two eyes.’


dà + cas / làmh :
dà chois mo dhà chois ‘my two feet’
dà làimh le mo dhà làimh ‘with my two hands’


DITHIS, TRIÙIR, etc


dithis = dà dhuine ‘a pair, a couple, a twosome (of)’
An robh mòran daoine aig a’ choinneimh? Cha robh, cha robh ann ach dithis.
‘Were there many at the meeting? No, only two people.’


A bheil peathraichean agad?
‘Do you have any sisters?’
Tha, dithis. Tha dithis pheathraichean agam.
‘Yes, two. I have two sisters.’


triùir = trì daoine ‘three people, a threesome(of)’
Chunnaic mi triùir ann. ‘I saw three people there.’


A bheil bràithrean agad? ‘Do you have any brothers?’
Tha, triùir. Tha triùir bhràithrean agam.
‘Yes, three. I have three brothers.’


ceathrar  = ceithir daoine ‘four people, a foursome (of)’


A bheil clann agad? ‘Do you have any children?’
Tha. Ceathrar ghillean. ‘Yes, four boys (a foursome of boys).’


5 còignear  còignear dhotairean ‘five doctors’
6 sianar sianar shaor ‘six joiners’
7 seachdnar seachdnar sheinneadairean ‘seven singers’
8 ochdnar ochdnar dhannsairean ‘eight dancers’
9 naoinear naoinear mhàthraichean ‘nine mothers’
10 deichnear deichnear chaileagan ‘ten young girls’


Sèimheachadh (‘lenition’)


dithis pheathraichean
triùir bhràithrean
ceathrar ghillean
còignear dhotairean
sianar shaor
seachdnar sheinneadairean
ochdnar dhannsairean
naoinear mhàthraichean
deichnear chaileagan


Sèimheachadh + iolra (‘lenited plural’) = ‘of’ (‘a pair of, a threesome of,’ etc)


Eisimpleirean eile:


buidheann thidsearan ‘a group of teachers’
buidheann mhàthraichean ‘a group of mothers’


grunn ghillean ‘a group of lads, some lads’
grunn mhionaidean ‘a couple of minutes’


sgioba chluicheadairean a team of players’
sgioba phlumairean ‘a team of plumbers’


sreath phrògraman ‘a series of programs’
paca chairtean ‘a pack of cards’
pacaid bhriosgaidean ‘a packet of biscuits’
truinnsear chèicichean ‘a plate of cakes’


dithis/triùir/ceathrar mhac


Air uairean, tha an t-iolra ginideach (genitive plural) coltach ris an ainmear shingilte:


mo mhac ‘my son’
mo mhic ‘my sons’
mo dhithis mhac‘my two sons (my pair of sons)’


Eisimpleirean eile:


An t-eilean ‘the island’
na h-eileanan ‘the islands’
Comhairle nan Eilean Siar ‘the council of the Western Isles’

Gàidheal ‘a Gael’
Gàidheil  ‘Gaels’
Radio nan Gàidheal ‘the radio of the Gaels’

Abairt na Seachdain

Is ann an àm a’ chruadail a dh’aithnichear na càirdean.

Broadcasts

  • Sun 14 Jun 201521:30
  • Wed 17 Jun 201512:00
  • Wed 17 Jun 201522:00
  • Sun 21 Jun 201510:31
  • Sun 27 Sep 201521:30
  • Wed 30 Sep 201512:00
  • Wed 30 Sep 201522:00
  • Sun 4 Oct 201510:31
  • Sun 28 Mar 202121:30
  • Wed 31 Mar 202112:00
  • Wed 31 Mar 202122:00
  • Sun 4 Apr 202110:30

Podcast