Main content

Episode 12

Episode 12 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdainsa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Sandra Malley agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead ri àireamhan ann an Oisean a' Ghràmair agus tha fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week John meets learner Sandra Mallley, grammar expert Dr Michel Byrne's topic is numbers and Siobhan MacInnes has details of classes and events for learners. BBC Gaelic archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

52 minutes

Last on

Sun 28 Mar 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi

Gilleasbuig Fearghasdan


Anna: Bha thu ann an Nis airson bliadhnaichean nuair a bha thu beag. Dè seòrsa saoghal a bh’ agad ann an Leòdhas?


Gilleasbuig: Uill, mar a thuirt tè rium nuair a chaidh mi a’ chèilidh ann an Nis o chionn ghoirid, "Is math am bainne a fhuair thu!" Bha, bha e math. ’S e àite, àite beòthail a bh’ ann an Nis nuair a bha mi beag. ’S dòcha nach eil uiread de shluagh ann an-diugh, ach an uair sin, bha tòrr dhaoine a’ fuireach ann, agus bha a’ Ghàidhlig bitheanta. ’S i a bh’ aig a’ mhòr-chuid de dhaoine nuair a dheidheadh tu a-mach...


Anna: Agus ’s e d’ athair a thug ann sibh?


Gilleasbuig: ’S e, bha m’ athair na mhinistear anns an Eaglais Stèidhichte, is bha e an sin nuair a rugadh mise ann an seachdad ’s a còig, agus bha sinn ann còig bliadhna gus an d’ fhuair e gairm a Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.


Anna: Is tha mi a’ creids’ nuair a bha thu ann am manse, ’s e àite trang a tha sin le daoine a-mach is a-steach.


Gilleasbuig: Daoine a-mach is a-steach an-còmhnaidh. Daoine a’ tadhal, ministearan eile, daoine a’ tighinn a choimhead air m’ athair, èildearan, daoine a’ cèilidh an-còmhnaidh.


Anna: Feadhainn annasach uaireannan?


Gilleasbuig: Bha. Tha cuimhn’ am... bha Iain Paisley ann turas. Chan eil fhios a’m carson a bha e ann an Nis, ach ministear, thug e Iain a’ chèilidh air m’ athair, is tha seòrsa de chuimhne agam air a’ chruthail mhòr a bha seo a’ nochdadh aig an doras.


Anna: Duine mòr a bh’ ann.


Gilleasbuig: Duine mòr.


Anna: Nise, nuair a bha thu ag èirigh, nuair a bha thu a’ fàs suas, dè seòrsa rud a bhiodh tu a’ leughadh?


Gilleasbuig: Uill, an ùidh a bu mhotha a bh’ agamsa nuair a bha mi beag, ’s e saoghal nàdair agus beathaichean dhen a h-uile seòrsa. Agus, tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud a bu mhotha a ghlac m’ aire nuair a bha mi beag, cha b’ e leabhar a bh’ ann idir ach cairtean a bha an Reader’s Digest a’ cur a-mach air an robh dealbhan den a h-uile seòrsa creutair, agus air a’ chùl, bha fiosrachadh mu dheidhinn, agus bha seòrsa de bhogsa plastaig anns an robh na cairtean seo, ceudan dhiubh. Agus, mas math mo chuimhne, bha mise air a h-uile gin dhiubh, bha fhios agam dè bh’ annta. Bha mi air a h-uile fear ionnsachadh. ’S e sin am party piece a bh’ agam. Duine a bhiodh a’ taghadh fear agus...


Anna: “Dè am beathach a tha seo?” “Innsidh mi dhut!”


Gilleasbuig: Dh’innsinn dhaibh, agus lean sin rium fad lathaichean na sgoile, agus gu h-araid, bha ùidh agam ann an eòin - eunlaith. ’S e cuspair a b’ fheàrr a chòrd rium nuair a bha mi anns an sgoil agus mar sin, lean mi orm is rinn mi bith-eòlas, biology, anns an Oilthigh ann an Obar Dheathain.

Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha

Seonaidh Ailig: Oh bha, bha. Bha e gràineil ann an dòigh gum feumadh e tachairt. Ach ann an dòigh eile, bha e math a thoradh, bha thu a’ cur eòlas gu math tràth air daoine air nach robh thu eòlach ron a sin. Agus, bha caidreachas às ùr anns an robh thu an sàs nach robh agad ron a sin.


Ach, aig an aon àm, bha mise is tha mi a’ creidsinn a’ chuid a bu mhotha aig an aois sin, aig aois ceithir bliadhn’ deug, bha sinn gar dalladh leis a’ chianalas. Agus, bheireadh tu treis mus faigheadh tu seachad air a sin.


Agus nuair a dh’fhàg mi, bha mi air a bhith ann an Sgoil Cheann a’ Bhàigh, is chòrd sin uabhasach math rium. Agus bha tidsearan math ann, is feadhainn nach robh cho math, ach sin mar a gheibh thu ann an sgoil sam bith. Ach nuair a chaidh mi Phort Rìgh, chuir mi eòlas air balaich às an Eilean Sgitheanach is às na Hearadh is bha sinn uabhasach càirdeil.


A’ chiad rud a thachair, a’ chiad chuimhn’ a th’ agam nuair a chaidh mi sgoil Phort Rìgh, ’s e gun robh na balaich a bh’ ann romhainn, is bha sinn a’ fuireach anns an ostail, ostail nam balach. Agus bha na h-igheanan a’ fuireach anns an ostail aca fhèin is bha i mìle air falbh bho ostail nam balach, is tha mi a’ creidsinn gun d’ rinn iad sinn a dh’aona-ghnothaich.


Annella: Chan eil fhios a’m am biodh mìle fada gu leòr!


Seonaidh Ailig: Agus a’ chiad chuimhn’ a th’ agam, ’s e nuair a chaidh mi dhan ostail ann am Portrìgh. Na balaich a bh’ ann romhainn, is an fheadhainn a bu shine na bha sinne a’ faighneachd dè a far-ainm a bh’ oirnn. Agus, dh’fhaighneachd fear dha na balaich mhòra dhomhsa dè an t-ainm a bh’ orm.


Is thuirt mi, “Coma leat”.


Is thuirt e, “’S e sin a bheir sinn ort!”


Ach, chan e, oir bha far-ainm orm mu thràth!

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil

Iain Mac'illeMhìcheil: Tha sibh ag obrachadh math còmhla agus tha thusa...
Ailean Caimbeul: Cha chuala tusa sinn a’ dol far a chèile fhathast!
IMM: Oh uill, cuiridh mi geall...uill, tha sin buailteach a’ tachairt, nach eil, ma tha sibh ag obair còmhla?
Ailean: Oh, tha sinn a’ dol far a chèile fad na h-ùine, gu sònraichte san t-samhradh is a tha sinn...
Ian Mac a’ Ghobhainn: Sa Chastlebay Bar às dèidh dram no dhà ’s dòcha!
Ailean: ....sinn a’ dol far a chèile mu dheidhinn rudan beag, ’eil fhios agad?
IMM: Am bi?
Ailean: Oh rudan beag, aye.
IMM: Tha sibh a’ dol air a nerve aig càch a’ chèile?
Ailean: Tha Fido a 'chompadh' aig a dhìnneir!
IMG: Tha daonnan, tha giotar daonnan ro àrd cuideachd, innsidh mi sin dhut!
Ailean: Ah uill, tha bass aigesan ro àrd a’ chuid as motha den àm cuideachd!
IMM: Agus, ma tha sibh air chuairt neo rud dhan t-seòrsa sin air feadh an t-samhraidh, tha sibh dha-rìribh buailteach air a bhith trod ri chèile.
Ailean: Oh aye. Uill, tha sinn a’ faicinn càch a chèile bho sia uairean sa mhadainn gu trì uairean sa mhadainn.
IMM: Tha, tha mi a’ creidsinn, tha mi a’ creidsinn, ach ’s e deagh charaidean a th’ annaibh...
IMG: A’ mhòr-chuid den ùine!
IMM: A’ mhòr-chuid den ùine. An tusa as òige anns a’ chòmhlan, Ian?
IMG: ’S e, ’s e aye.
Ailean: Agus mise as sine.
IMM: Am bèibidh, agus ’s tusa as sine.
IMG: Bha mise a’ dol a ràdh sin!
Ailean: Tha fhios a’m gun robh! Thàinig mi staigh romhad!
IMM: Uill, cuiridh mi geall gu bheil agadsa ri ceann a’ mhaide a chumail riutha air fad agus smachd a chumail orra.
Ailean: Uill, tha mi a’ dèanamh sin, aye.
IMM: Tha thu a’ feuchainn …
Ailean: Uill, tha mi a’ feuchainn ri...aye. Ach, tha iad gu math fiadhaich!
IMM: Cà’ robh sibh an-uiridh as t-samhradh? An robh sibh sna h-Eileanan no...?
IMG: Aye, dìreach air feadh an àite.
Ailean: Air feadh an àite.
IMG: Dìreach na h-Eileanan air fad.
IMM: Chunnaic mi sibh ann an Ìle aig Fèis Uisge-Beatha Ìle.
IMG: Aye, bha sinn an sin.
Ailean: Aye, bha sinn ann.
IMM: Bha Norrie MacÌomhair a’ seinn còmhla ribh cuideachd.
IMG: Aye, aig an distillery Bowmore. Bha sin...
IMM: Bha mi ann. Bha mi fhèin ro thrang a’ blasad air an stuth.
IMG: Aye? An do chòrd e riut?
IMM: Chòrd e rium glè mhath. Bha an t-sìde dìreach cho math.
IMG: Bha e math.
Ailean: Bha. Bha an t-sìde math.
IMG: Cheannaich sinn uile botal den festival edition.
IMM: Is dè na chosg sin dhuibh a-nis?
IMG: Trì ceud is caogad.
Ailean: Uill, cha do cheannaich mise botal!
IMM: An e sin an tuarastal a fhuair sibh?
IMG: Aye uill, chan e!
IMM: Uill, bidh fhios agad air a seo, nì sibh airgead mòr air latha breàgha a’ choireigin.
IMG: Aye nì, uill, sinne neo an distillery?
IMM: Sibhse ma tha sibh a’ dol ga reic, aye!
Ailean: Ma chumas sinn grèim air!
IMM: Mura h-òl sibh e.
Ailean: Ma dh’fhanas i dùinte!
IMM: Ma dh’fhanas i dùinte, sin agad e, sin agad e.

Oisean a’ Ghràmair 12: ÀIREAMHAN / NUMBERS

Às dèidh Cia mheud (‘How many?’), dà (2), fichead (20), ceud (100) :
ainmear singilte (‘singular, not plural’).


CIA MHEUD?

Cia mheud litir a tha san aibideil Ròmanach? ‘the Roman alphabet’?
Cia mheud litir a tha san aibideil anns a’ Ghàidhlig?
Cia mheud prògram a tha san t-sreath seo de Beag air Bheag?
Cia mheud sgioba a bha sa cho-fharpais?
‘How many teams were in the competition?’


2 Dà + ainmear singilte + sèimheachadh

trì bùird dà bhòrd
còig dealbhan dà dhealbh
sia puingean dà phuing
trì faclan dà fhacal.


12 Dà + ainmear singilte (+ sèimheachadh) + dheug


Dà uair dheug. 12 hours (‘two hour teen’), 12 oclock
Cia mheud mìos a tha sa bhliadhna? Dà mhìos dheug. Tha dà mhìos dheug anns a’ bhliadhna.
‘There are twelve months in the year.’
Tha an dà phuing dheug againne a’ dol gu Latvia.
‘Our twelve points go to Latvia.’


20 Fichead + ainmear singilte.


Fichead not twenty pounds
Fichead cù twenty dogs
fichead triop twenty times


100 Ceud + ainmear singilte.


Ceud pìobaire ‘a hundred pipers’
Ceud bliadhna ‘a hundred years’
Ceud ainm-sgrìobhte 'a hundred signatures’


ceud ‘100’


Ceud latha ‘a hundred days’
Ceud facal ‘a hundred words’
Ceud bliadhna 'a hundred years’


a’ chiad ‘the first’ (+ sèimheachadh)*


a’ chiad latha ‘the first day’
a’ chiad fhacal ‘the first word’
a’ chiad bhliadhna ‘the first year’


*Ach thoiribh an aire:
an t-aona linn fichead 'the 21st century'
an t-aona linn deug 'the 11th century'


Bha Gàidhlig ga bruidhinn air feadh Alba anns an aona linn deug, agus nach math gu bheil i fhathast ga bruidhinn anns an aona linn fichead.
‘Gaelic was spoken throughout Scotland in the 11th c., and isn’t it great that it’s still spoken in the 21st.’


deug (‘teen’, 11–19): ainmear anns a’ mheadhan (noun in the middle)


còig prògraman deug ’15 programmes (five programmes teen)’
ochd litrichean deug ‘18 letters (eight letters teen)’
sia sgiobaidhean deug ’16 teams (six teams teen)’
an naoidheamh linn deug ‘the 19th century (ninth century teen)’
aon uair deug ‘11 hours (one hour teen), eleven o’clock’
dà uair dheug ‘twelve hours (‘two hour teen’), 12 o’clock’ (also pronounced dà-reug)


Cuin a chaidh na rathaidean-iarainn a thogail?
‘When were the railroads built?’ Anns an naoidheamh linn deug,
An coinnich sinn aig aon uair deug?
‘Will we meet at 11 o’clock?’
Dè mu dheidhinn dà uair dheug?
‘What about 12 noon?’
Coinnichidh sinn aig dà uair dheug, ma-thà - airson breacaist.
‘We’ll meet at 12, then – for breakfast.’


Puing a bharrachd:


leth-cheud (50) agus mìle (1000) + ainmear singilte


Leth-cheud duine, leth-cheud bliadhna, leth-cheud taigh
Mìle duine, mìle bliadhna, mìle fàilte, ceud mìle fàilte

Abairt na Seachdain

Is iomadh car a tha an saoghal a’ cur dheth

Broadcasts

  • Sun 7 Jun 201521:30
  • Wed 10 Jun 201512:00
  • Wed 10 Jun 201522:00
  • Sun 14 Jun 201510:30
  • Sun 20 Sep 201521:31
  • Wed 23 Sep 201512:00
  • Wed 23 Sep 201522:00
  • Sun 27 Sep 201510:30
  • Sun 21 Mar 202121:30
  • Wed 24 Mar 202112:00
  • Wed 24 Mar 202122:00
  • Sun 28 Mar 202110:30

Podcast