Main content

Episode 11

Episode 11 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdain seo tha Iain a' còmhradh ri Pàdraig Piddock à Dover a th' air a bhith a' fuireach san Eilean Sgiathanach airson faisg air fichead bliadhna. Tha Pàdraig ag innse mar a thàinig e gu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig is a' fuireach ann an Alba agus mu ùidh mhòr ann an ceòl, gu sònraichte ceòl "blues". Ann an Oisean a' Ghràmair tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead ri aon ghnìomhair "Toirt" no mar òrdugh "Thoir".

John Urquhart guides Gaelic learners through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. This week John chats to learner Peter Piddock who is originally from Dover but has been living in Skye for almost twenty years. Gaelic grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

53 minutes

Last on

Sun 21 Mar 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Cainnt an Là - Kathleen NicAonghais

MORAG: Nach e an uinneag a tha làn deigh, cha mhòr gum faic mi troimhpe. Ahhh, their mi ruith oirre an ceartuair. Cupa tì an toiseach. Deich mionaidean gu naoi, tha ùine agam fhathast.


“Cha leig thu leas an coire a lìonadh gu bhàrr a Mhòrag. Cuir ann gu leòr a ni dà chupa, na bi a’ cosg na h-electricity!”


Nach liuthad turas a chuala mi Papaidh ga ràdh.


“Cuir ort geansaidh blàth an-diugh a Mhòrag, tha i gu bhith fuar.”


Tha e neònach. Fàsaidh duine eòlach air fuachd, tha radiator set aig a trì.


“Trì fad a’ gheamhraidh a Mhòrag, dheth fad an t-samhraidh.”


Tha e mar sin agam fhathast. Cha dùraiginn a thionndadh suas ged a bhithinn air a shon, bhiodh Papaidh cho diombach.


Oh! Dè thachair? Oh, seall an coire! Ooh, tha an taobh a-staigh aige dubh. Feumaidh gun do spreadh rudeigin na bhroinn.


Uill, cha d’ fhiach dhomh coire ùr a cheannach airson fad seachdain, an d’ fhiach? Their mi leam thermos on taigh.


Seachdain. Seachdain eile. Às dèidh deich air fhichead bliadhna. ’S e ùine mhòr a tha sin. Deich air fhichead bliadhna. A h-uile seachdain nam sheasamh an seo air cùl a’ chuntair.


“Seas suas dìreach a Mhòrag, dhìot a’ chroit a sin!”


Tha cho math dhomh an coire a seo a chaitheamh dhan sgudal.


Oh well a Phapaidh, nach iomadh cupa a ghabh sinn on choire ud.

Tar-sgrìobhadh: A Pheigi a’ Ghràidh

A Pheigi, a ghràidh, 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia null;
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.


Bhon dhealaich thu rium neo-shunndach m' aigne gach latha,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghràdh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d' fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu led shùil, a rùin, nach bi mi fad slàn.


Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far do dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.


Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha bhi oirnn dìth,
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh, a luaidh, nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bàrr, a ghràidh, ged 's maraiche mi.


Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach àite is ceàrnan, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda thigeadh riut suas,
A bhean a' chùil bhàin, chaidh àrach an Uibhist nam buadh.


An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat thall
Is fàinne den òr mud mheòir gar ceangal le bann,
'S ma thilleas mi, luaidh, thar chuain an turas seo nall
Dh'Àird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.


Gun sguir mi den dàn mu fàs sibh uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-dràst' cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi 'g ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chàrnain dh'àraicheadh cailin mo chridh'.

Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha: Joe MacNèill

Joe: Bha sinn ann am Barrie, taobh a tuath Toronto, mar a bha mi ag ràdh airson còig bliadhna. Agus fhuair mi an uair sin fiachadh ann am meadhan ’85 a dhol a Lunainn, Ontario, taobh a deas Toronto son còig bliadhna. Àite brèagha, brèagha cuideachd a th’ ann an Lunainn a tha dìreach mar a thuirt mi taobh an iar Toronto. Is e companaidh Bhreatannach a bh’ annta.


Bha mi toilichte a dhol còmhla riutha a thaobh dheighinn dhachaigh na bu trice an uair sin.


Maureen: Cò ris a bha sin coltach ma-thà, a bhith a’ dol dhachaigh aig an àm a bha sin? An robh e a’ còrdadh ribh a bhith a’ dol gu ruige Barraigh?


Joe: Bha gu dearbh air tàilleibh bha nòisean riamh agam do Bharraigh agus mar a bha mi ag ràdh riut, cha robh latha a dhùisginn nach bithinn a’ smaointinn. Bha mi ag ionndrainn Bharraigh ged a bha fhios a’m cuideachd gum feumainn a dhol air feadh an t-saoghail airson obair fhaighinn, coltach ri gu leòr anns na h-Eileanan agus à ceann an iar Alba, b’ fheudar dhuinn falbh. Cha robh an obair ann dhuinn. So b’ fheudar dhuinn falbh. Is bhithinn daonnan ag ionndrainn Bharraigh fad an t-siubhail agus mar a thuirt faclan an òrain:


A h-uile madainn a nì mi dùsgadh
Gur e mo dhùrachd a’ tilleadh ann
Chan fhaod mi feuchainn a chur à dìochuimhn’
’S mo chridhe a’ caoineadh ag iarraidh ann.


Sin mar a bha mise. Cha robh madainn a dhuisginn nach bithinn ag iarraidh dhachaigh. Chaidh mi an uair sin gu ruige Lunnainn còmhla ris a’ chompanaidh Bhreatannach a bha siud ach bhithinn a-null is a-nall a Bhreatann gu math tric.


Agus a h-uile turas a gheibhinn, leumainn air a’ phlèana suas gu ruige Barraigh.

Oisean a’ Ghràmair 11 : THOIR

Bheir. Cha toir. An toir? (Present/Future)
Thug. Cha tug. An tug? (Past)


A’ TOIRT SÙIL: ‘having a look’


Bidh sinn a’ toirt sùil air aon ghnìomhair.
‘We’ll be looking at one verb.’
Thoir sùil air seo.
‘Take a look at this. Have a look at this.’
Thug mi sùil air an-dè.
‘I had a look at it yesterday.’
Bheir mi sùil air a-màireach.
‘I’ll have a look at it tomorrow.’
Cuin a bheir thu sùil air dealbhan mo bhainnse?
‘When will you look at my wedding photos?’
Bheir mi sùil orra feasgar.
‘I’ll have a look at them this afternoon.’
An tug thu sùil air na dealbhan agam fhathast?
‘Have you had a look at my photos yet?’
Cha tug, tha mi duilich, cha tug – agus cha toir.
‘No, sorry, I haven’t – and I won’t.’
Cha toir mi sùil orra, tha mi fada ro thrang.
‘I won’t look at them, I’m far too busy.’


A’ TOIRT ÙINE: ‘taking time, spending time’


Thug e bliadhna.
‘It took a year.’
Thug mi dà bhliadhna thall thairis.
‘I spent two years abroad.’
Cha toir e ach latha no dhà.
‘It’ll only take a day or two.’
Bheir e greiseag.
‘It’ll take a while.’
Thug e fada.
‘It took a long time.’
Thug e fad an fheasgair.
‘It took all afternoon.’


A’ TOIRT + LEAM (leam, leat, leis, leatha, etc.): ‘bringing’


Thoir leat an cù.
‘Take the dog with you’, ’Bring the dog’.
Bheir mi leam mo chòta.
‘I’ll take my coat with me’, ‘I’ll bring my coat’.
An tug thu leat do bhaidhsagal?
‘Did you bring your bike?’
Thug Seumas (e) leis an cat.
‘Seumas brought the cat with him.’
Thug Mairi (i) leatha na coin.
‘Màiri took the dogs / brought the dogs.’


Thug sinn leinn a’ chlann.
‘We brought the children along.’
An toir sibh leibh botal fìon?
‘Will you bring a bottle of wine?’
Bheir iad leotha am biadh. 
‘They’ll bring the food.’


Thug mi mo chasan leam.
‘I took my legs with me.’ = ‘I took off, I bolted’.
Thug i a casan leatha.
‘She bolted’.
Thug na gillean an casan leotha.
‘The boys bolted.’
Na toiribh ur casan leibh fhathast.
‘Don’t scarper just yet.’


A’ TOIRT + DO: ‘giving’


Thoir dhomh copan cofaidh.
‘Give me a cup of coffee.’
Thug mi dhut copan cofaidh còig mionaidean air ais!
‘I gave you (I gave to you) a cup of coffee five minutes ago!’
An toir mi siùcairean dhan chloinn?
‘Will I give sweets to the children / Will I give the children sweets?’
Gu dearbh cha toir! Thoir dhaibh measan.
‘Absolutely not! Give them (to them) fruit.’


N.B.!!!
Ann am Beurla, faodar ràdh: ‘Give me coffee’, ‘Don’t give the children sweets’,
‘Give the dog a bone’, seach: ‘to me’, ‘to the children’, ‘to the dog’.
Ach ann an Gàidhlig, feumar ‘to me’, ‘to the children’, ‘to the dog’ a ràdh:
Thoir dhomh cofaidh.
Na toir siùcairean dhan chloinn
Thoir cnàimh don chù.


EILE:


A’ TOIRT + ASAM, (asam, asad, às, aiste, etc.)

Thug iad na buinn asta. 
‘They took to their heels, they scampered’ (literally: ‘They took the heels out of them’).

Thug iad an car asam.
‘They played a trick on me’ (literally: ‘They took the twist out of me’).


A’ TOIRT + AIR: ‘making somebody do something’


Dè fo shealbh a thug ort seo a dhèanamh? ‘What on earth made you do that?’
Bheir iad air ar duine bruidhinn. ‘They’ll make our man talk.’


Noting, noticing:


Thoir an aire!
‘Watch out! Be careful.’
Thoir an aire dhut fhèin!
‘Look after yourself.’
Thoiribh an aire dhan abairt seo.
‘Note this phrase.’
An tug thu an aire dhan chàr ùr aice?
‘Did you notice her new car?’


Cha tug iad fa-near dhomh.
‘They didn’t notice me.’

* * *

Chi sibh gu bheil THOIR gu math tric a’ ciallachadh ‘take’.
Dè an diofar eadar THOIR agus GABH, ma-thà?


Nuair a tha ‘take’ a’ ciallachadh ‘pick, choose’: GABH.
Nuair a tha ‘take’ a’ ciallachadh gnìomh gluasadach: THOIR.


Mar eisimpleir:


‘Take the train. It’ll be quicker.’
Gabh an trèana. Bidh e nas luaithe.
‘Take the train and the teddy-bear out of the bag.’
Thoir an trèana ’s am mathan às a’ bhaga.


‘Take the soup (on this menu).’
Gabh am brot.
‘Take the soup (away).’
Thoir leat am brot / Thoir bhuam am brot.

Abairt na Seachdain

Is blàth anail na màthar

Broadcasts

  • Sun 31 May 201521:30
  • Wed 3 Jun 201512:03
  • Wed 3 Jun 201522:00
  • Sun 7 Jun 201510:30
  • Sun 13 Sep 201521:29
  • Wed 16 Sep 201512:00
  • Wed 16 Sep 201522:00
  • Sun 20 Sep 201510:31
  • Sun 14 Mar 202121:30
  • Wed 17 Mar 202112:00
  • Wed 17 Mar 202122:00
  • Sun 21 Mar 202110:30

Podcast