Episode 10
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Ruairidh Peutan as an Eilean Sgitheanach agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne, a' mìneachadh puingean gràmair.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week John meets learner Roddy Beaton from Skye, Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 10
Duration: 56:00
![]()
Tar-sgrìobhadh: Na Hearadh
Duration: 01:36
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 22:31
![]()
Tar-sgrìobhadh: Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Duration: 01:49
Tar-sgrìobhadh: Litir chun t-saighdeir gun ainm – Anna NicSuain
Litir gu Lance Corporal Malcolm Campbell, Seaforth Highlanders
An ceathramh latha fichead dhen Chèitean, naoi ceud deug agus a còig deug
A Chaluim chòir,
Nach ann oirnn a thàinig an èiginn!
Tha mi duilich innse dhut gun d’ fhuair sinn fios an t-seachdain seo gun deach Aonghas ar bràthair a chall aig blàr Ypres air an naoidheamh latha dhen a’ mhìos seo. Am balach bochd is gun e ach fichead bliadhna a dh’aois.
Bha e annasach gun robh sinn dìreach air cairt-puist fhaighinn a sgrìobh thu fhèin an latha mus deach Aonghas a mharbhadh, agus tu ag innse gun robh na Gearmailtich a-nis a’ cleachdadh puinnsean. Nach iongantach nach deach na sgrìobh thu a sheansoradh is iad cho faiceallach dè fiosrachadh a thig a-mach?
Tha saoghal ann a seo air a dhol bun-os-cionn. Cha dhìochuimhnich mi a-chaoidh an latha mus do rugadh Murchadh mo mhac - an dàrna latha dhen Lùnastal an-uiridh - Murdaig aig an iasgach air an taobh sear. Catriona an nighean againn nach robh ach bliadhna sa Ghearran ann an uchd a seanmhair, agus am post a’ dol tron bhaile - Latha na Sàbaid - a’ sèideadh feadaig is iad a’ “callaigeadh” suas nam balach airson falbh dhan chogadh.
Bu daor a bha agus a bhitheas tastan an Rìgh dha mòran dhan fheadhainn a dh’fhalbh às an sgìre seo. Ged a rinn mi toileachas gun do rugadh mac dhuinn a bha slàn fallain, bha uabhaltas eagallach air feadh an àite, is chan eil càil a dh’fhios am faic an leanabh seo athair a-chaoidh.
Tar-sgrìobhadh: Na Hearadh le Aonghas Moireasdan
Christine: G’ e bith dè an seòrsa latha a th’ ann, tha sealladh uabhasach brèagha a-mach à uinneag an taighe. Aonghais, a bheil thu a’ cur seachad uairean a thìde a’ coimhead a-mach an uinneag a tha seo?
Aonghas: Tha sealladh brèagha ann a shin, nach fhaic thu leithid. Tha an tràigh a’ dol a-mach trì mìle. Tha i a’ tràghadh dà uair san latha, trì mìle a-mach is a-steach.
Christine: Is gheibh thu thairis às an seo air an tràigh.
Aonghas: Oh gheibh, gheibh. Bha sinne a’ dol thairis leis a’ Shetland Pony a bh’ agam is a’ chairt, a’ dol a-null chun na bùtha an Seileabost, gu Iain Dhòmhnaill Raghnaill.
Christine: Tha an t-uisge a tha air an tràigh ann a shin an-diugh, tha e beagan dorcha.
Aonghas: Oh tha...càil ann ach uisge rèisg. Tha e dorcha leis an riasg a’ tighinn far na beinne. Ach ann an latha neo dà latha, ma bhios turadh ann, tha e cho gorm, uaine ’s a bha e riamh.
Christine: Dè cho fad ’s a tha sibh air a bhith a’ fuireach san taigh seo a-nis?
Aonghas: Mì fhèin a thog an taigh, agus start mi ga thogail ann an 1954.
Christine: Chan eil mòran anns a’ bhaile seo a tha cho eòlach ’s a tha sibh fhèin. Tha sibh air a bhith seo son ùine mhòr dha-rìribh.
Aonghas: Oh a bhròinein, tha, 1937!
Tar-sgrìobhadh: Ath-Innse - Flòraidh NicIllEathain
“An gabh thu gille?”, arsa fear a’ chòt’ uaine.
“Gabhaidh”, arsa mac an rìgh.
Agus chùm iad orra air an slighe còmhla.
Thàinig sneachda trom air an latha a bha sin. Loisg mac an rìgh air fitheach, agus nuair a chunnaic e na laighe anns an t-sneachd e a’ sileadh fala, thug e bòid a’ bhean a bhiodh aigesan gum biodh a falt cho dubh ri itean an fhithich agus a gruaidhean cho dearg ris an fhuil a bha a’ tighinn às, agus a craiceann cho geal ris an t-sneachda air an talamh.
Nuair a bha an oidhche a’ tighinn, thuirt mac an rìgh ri fear a’ chòt’ uaine, “Saoil thusa, càit’ am bi sinn a-nochd?”
Thuirt fear a’ chòt’ uaine, “Na biodh eagal ort.”
Chunnaic iad solas fann fada bhuapa ann an coille, ach ged a b’ fhada bhuapa e, cha b’ fhada gus do ràinig iad e. Nuair a ràinig fear a’ chòt’ uaine doras an taigh mhòir a bha seo, chòmhdaich e e fhèin bho cheann gu chasan am broinn a’ chòt’ uaine. Is nuair a dhèanadh e sin, chan fhaiceadh duine e. Mar sin, chaidh e a-steach.
Bha na poitean air sìor-ghoil agus na coireachan air sàr-ghoil, bonnaich gan tionndadh air griodail agus bioran a’ cur na car dhiubh leotha fhèin.
Agus nuair a thill e a-mach, bhuail iad air an doras agus chaidh fhosgladh. Agus thàinig nighean bhrèagha a-mach, agus bha a falt cho dubh ris an fhitheach, agus a gruaidhean cho dearg ris an fhuil, agus a’ chuid eile de a craiceann cho geal ris an t-sneachd.
Agus chuir i fàilte orra gu dòigheil, agus dh’inns’ i gur e Mòr a b’ ainm dhi, agus dh’iarr i staigh iad, agus fhuair iad an deagh bhiadh ann a sin.
Chaidh an cur a chadal san aon rùm, agus thuirt mac an rìgh ri fear a’ chòta uaine, “Siud an nighean a bhòidich mise a bhiodh agam mar bhean”.
Oisean a’ Ghràmair 10
ATHARRACHADH FUAIMREIG SAN IOLRA (Vowel change in the plural)
Mar as trice le ainmearan aona-lideach (one-syllable).
Mar eisimpleir:
bòrd → bùird na bùird ‘the tables’
òrd → ùird na h-ùird ‘the hammers’
An càraich thu na trì bùird sin?
‘Will you mend those three tables?’
Ann am piàna, buailidh na h-ùird air na teudan.
‘In a piano, the hammers hit the strings’.
port → puirt na puirt ‘the tunes’
cnoc → cnuic na cnuic ‘the hills’
Chan aithne dhomh gin dhe na puirt sin.
‘I don’t know any of those tunes.’
Chì mi na cnuic bhom uinneag.
‘I can see the hills from my window.’
toll → tuill na tuill ‘the holes’
tonn → tuinn na tuinn ‘the waves’
fonn → fuinn na fuinn ‘the tunes, melodies’
bonn → buinn na buinn ‘the coins/medals’; ‘the heels’
Thoir an aire dha na tuill air an rathad seo!
Watch out for the potholes on this road!’
Bha na tuinn a’ sluaisreadh air a’ chladach.
‘The waves were washing up / lapping up on the shore.’
Chòrd na fuinn rium air fad, ged nach robh mi a’ tuigsinn facal.
‘I enjoyed all the melodies, even though I couldn’t understand a word.’
Dè na buinn a th’ agad an sin?
‘What coins (/medals) have you got there?’
Thug mi na buinn asam.
‘I took to my heels, I scampered’ (literally: ‘I took the heels out of me’).
eun → eòin na h-eòin ‘the birds’
gèadh → geòidh na geòidh ‘the geese’
beul → beòil am beòil ‘their mouths’
neul → neòil na neòil ‘the clouds’
Bha na h-eòin a’ seinn sna craobhan.
‘The birds were singing in the trees.’
geòidh ghlasa Thirìodh ‘Tiree’s greylag geese’
Cuir biadh nam beòil. ‘Put food in their mouths.’
caistealan anns na neòil ‘castles in the clouds’ (i.e. ‘castles in the air’)
mac → mic na mic ‘the sons’
each → eich na h-eich ‘the horses’
Sin Màiri san dealbh, còmhla ri a mic.
‘That’s Màiri in the photo, with her sons.’
Chunnaic sinn trì eich air fàire.
‘We saw three horses on the horizon.’
cù → coin na coin ‘the dogs’
Nuair a dh’fhosgail mi an doras, thug na coin na buinn asta.
‘When I opened the door, the dogs scampered.’ (literally: ‘took the heels out of them’)
bò → bà na bà ‘the cows’
Tha fichead caora, còig mucan agus seachd bà aca.
‘They have twenty sheep, five pigs and seven cows.’
fiadh → fèidh na fèidh ‘the deer’ (plural)
Am faca tu na fèidh shìos aig an loch?
‘Did you see the deer down by the loch?’
bean → mnathan na mnathan ‘the ladies, the wives’
Bidh mnathan-glùine a’ faighinn trèanadh trì bliadhna.
‘Midwives get three years’ training.’
piuthar → peathraichean na peathraichean ‘the sisters’.
Seo dealbh eile de Mhàiri, còmhla ri a peathraichean.
‘Here’s another photo of Màiri, with her sisters.’
duine → daoine na daoine ‘the people, the persons’
Bruidhnidh mo dhaoine-sa ri ur daoine-se.
‘My people will speak to your people.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 24 May 201521:29BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 May 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 May 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 May 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Sep 201521:31BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Sep 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Sep 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Sep 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Mar 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Mar 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Mar 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Mar 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



