Main content

Episode 15

Episode 15 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram mu dheireadh san t-sreath tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Ciaran Folan agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead air mìosan na bliadhna ann an Oisean a Ghràmair agus tha fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In the final programme of the series John chats to learner Ciaran Folan about his learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

52 minutes

Last on

Sun 18 Apr 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne

Le Dòmhnall Màrtainn


Dòmhnall: Bha agam fhèin is mo nàbaidhean a dhol a thoirt clann-sgoile timcheall a’ ghàrradh coimhearsnachd againn bho chionn seachdain no dhà air ais. Bha a’ chlann a’ dèanamh pròiseact air biadh fallain, agus bha aca ri eisimpleirean a thoirt dhan sgoil de ghlasraich agus lusan a chaidh an cur agus a’ fàs aig na dachannan. Chual’ an tidsear gun robh sinne air a bhith a’ cur glasraich air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus ’s e feadhainn de na glasraich sin a chaidh dhan sgoil airson eisimpleirean a shealltainn dhan a’ chlann.


Bha an uair sin aca ri faicinn càit’ an do dh’fhàs iad, agus ciamar a bha iad a’ fàs. ’S ann againne, ’s e sin na bodaich agus na cailleachan, neo na seanairean is na seanmhairean, a bha ri innse dhaibh mar a thòisich sinn ag ullachadh an lios, a’ cur an t-sìl, a’ coimhead gu cùramach as a dhèidh fad an t-samhraidh le bhith a’ cur uisge orra nuair a bha an t-sìde tioram, a’ glanadh eadar na sreathan neo a’ todhaigeadh a’ bhùntata, agus a’ dèanamh cinnteach nach robh biastan sam bith gan ithe, agus mu dheireadh thall, a’ togail toradh a’ ghlasraich aig an àm cheart dhen a’ bhliadhna ro dheireadh an t-samhraidh agus aig àm an fhoghair.


’S e a’ chlann a bha air an dòigh, a’ dol timcheall agus a’ lorg currain, càl, tuineapan agus bùntata a chaidh a chur an-uiridh, agus ’s ann againne a bha na ceistean annasach ri freagairt dhaibh.


Nuair a bha sinn fhèin òg aig an aon aois, bha sinn gu math fiosrachail mu dhòighean anns an robh glasraich agus lusan a’ fàs, agus ’s ann dhuinn bu chòir. Nach robh sinn gu math cleachdte ri bhith ag obair air a’ chroit còmhla ri ar pàrantan agus ar sinn-seanairean air sgàth ’s nach robh roghainn eile againn. Bha an obair ri dhèanamh is cha robh na bùithtean mòra an latha an-diugh le biadh de gach seòrsa ann.


Saoil dè seòrsa àrainneachd anns am bi a’ chlann a thàinig thugainne a’ fuireach ann an trì fichead bliadhna eile? Tha sinn an dòchas gum bi buaidh a’ choireigin aig an turas còmhla rinn air a’ chlann bheaga. Feadhainn aca nach robh air gàrradh le glasraich fhaicinn riamh. Nach iomadh turas a chuala sinn an seanfhacal, 'An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach'.


Tha e cho cudromach an-diugh ’s a bha e nar àm fhèin.

Tar-sgrìobhadh: Aithris an Fheasgair

Le Pàdraig MacAmhlaigh


Padraig: Thuirt Dàibhidh Camshron nach bi e furasta cruth atharrachadh a thoirt air an Aonadh Eòrpach mus bi referendum mu bhallrachd ann am Breatainn ann an dà mhìle ’s a seachd-deug. Bha am Prìomhaire a’ bruidhinn aig co-labhairt ann an Latbhia far an do choinnich e ri ceannardan Eòrpach eile. Thuirt ceann-suidhe a’ Choimeisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, gum bi e ann an Chequers Diluain airson còmhradh ri Mgr Camshron mun atharrachadh a tha e a’ sireadh.


Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon nach bi easbhaidh anns a’ chùram a tha euslaintich aillse a’ faighinn ri linn an atharrachaidh a tha a’ tighinn air an t-seirbheis san ospadal aillse as motha ann an Alba. Rinn còrr air leth-cheud dotair agus eòlaiche gearan nach bi an cùram cho math ’s a bha e, is an t-seirbheis ann an ionad Bheatson a’ gluasad chun an ospadail ùir air taobh a deas Ghlaschu. Tha iad a’ gearan nach bi luchd-obrach gu leòr rim faotainn ann an suidheachadh èiginneach.


Tha ceithir deug mìle sgoilear ann an Alba air an ainm a chur ri athchuinge a’ gearan gun robh an deuchainn matamataig aig àrd-ìre am-bliadhna do-dhèanta. Thuirt iad gun robh na ceistean air leth doirbh agus nach robh samhla aca ris na ceistean a fhuair iad anns na pàipearan-ullachaidh. Thuirt Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba gun tèid spèis a thoirt dha na gearanan sin fhad ’s a thathar a’ meas na sgoilearan.

Tar-sgrìobhadh: Caithream Ciùil

Le Seonag Monk


Seonag: ’S toil leam fhìn tractaran, rudeigin mun deidhinn a tha uabhasach fhèin tlachdail. Tractar, bha m’ athair, oh bha m’ athair cho keen, cho keen air tractaran, co-dhiù!


Fergies an fheadhainn ghlasa. Bha e a’ faighinn a cheart uimhir de mhoit ’s de thlachd às an tractar ghlas a bha sin ’s a bhios daoine beairteach a’ faighinn à Aston Martins no Porsches no càraichean dhen t-seòrsa. Agus, bhiodh mamaidh a’ falbh air an tractar na suidhe air a’ mhudcart. A’ falbh dhan bhùth, a’ suidhe air a’ mhudcart! Bhitheadh agus sinn fhèin cuideachd a’ falbh air an tractar còmhla ris. Nach iongantach an saoghal mar a bha e an uair ud?


Agus nan deidheadh sìon ceàrr air an tractar, uill, deireadh an t-saoghail, ’s e a bhiodh ann an uair sin nam bristeadh sìon air an tractar. Bhiodh e a’ tighinn a-staigh is ga chaitheamh fhèin air a’ bheinge is cuir a’ churrac ma aodann. Is ghabhadh an uair sin mamaidh an caoch, "Aww, mhic na mi-shealbh, èirich a-mach às an sin!"


Bha iad cho èibhinn an dithis aca, beò nam aisling. Tha e èibhinn, chì thu nad aisling an dithis aca agus a’ faireachdainn ’s an toileachadh a bheir sin dhut. Nach toir, nuair a chì thu nad aisling na daoine a tha air falbh. Tha e a’ toirt faochadh air dhòigheigin nach eil?

Oisean a’ Ghràmair 15: MÌOSAN is FÈISEAN (Months & Festivals)

an t-aona linn fichead ‘the 21st century’ (Faicibh Prògram 12.)
an t-aona latha fichead ‘the 21st day’
an t-aona latha fichead den Ògmhios ‘the 21st of June’


’S e an t-aona latha fichead den Ògmhios an latha as fhaide den bhliadhna. 
‘The 21st of June is the longest day of the year.’


Na Mìosan:


am Faoilleach January
an Gearran February
am Màrt March
an Giblean April
an Cèitean May
an t-Ògmhìos June
an t-Iuchar July
an Lùnastal August
an t-Sultain September
an Dàmhair October
an t-Samhain November
an Dùbhlachd December


‘of January (etc.)’ * ‘in January (etc.):

den/dhen Fhaoilleach anns an Fhaoilleach
den/dhen Ghearran anns a’ Ghearran
den/dhen Mhàrt anns a’ Mhàrt
den/dhen Ghiblean anns a’ Ghiblean
den/dhen Chèitean anns a’ Chèitean
den/dhen Ògmhìos anns an Ògmhìos
den/dhen Iuchar anns an Iuchar
den/dhen Lùnastal anns an Lùnastal
den/dhen t-Sultain anns an t-Sultain
den/dhen Dàmhair anns an Dàmhair
den/dhen t-Samhain anns an t-Samhain
den/dhen Dùbhlachd anns an Dùbhlachd


* den/dhen airson ‘the 1st (day) of...’, ‘the first week of...’, etc.
Ach faicibh PUINGEAN A BHARRACHD (1) airson ‘the start / middle / end of...’.


Eisimpleirean:


’S e an ceathramh latha den Iuchar Latha na Neo-Eisimileachd anns na Stàitean Aonaichte. 
‘The 4th of July is Independence Day in the United States.’


Bidh an fhèis Ceòlas a’ tòiseachadh air a’ chòigeamh latha den Iuchar.
‘The Uist festival Ceòlas will be starting on the 5th of July.’


Bidh Fèis Cheilteach Innse Gall, HebCelt, a’ tòiseachadh ann an Steòrnabhagh air a’ chòigeamh latha dheug den Iuchar. 
‘The Hebridean Celtic Festival HebCelt will be starting in Stornoway on the 15th of July.’


Bidh Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann a’ ruith tron Lùnastal.
‘The Edinburgh International Festival will be running through August.’


Ma tha sibh fhathast a’ sireadh spòrs is ceòl anns an t-Sultain.
‘If you’re still looking for fun and music in September.’


Bidh an fhèis Blas ga cumail air feadh na Gàidhealtachd ’s Earrra-Ghàidheal anns an t-Sultain.
‘The Blas festival will be being held in the Highland region and Argyll in September.’


Na dìochuimhnichibh gum bi am Mòd Nàiseanta ga chumail anns an Òban san Dàmhair.
‘Don’t forget that the National Mod will be being held in Oban in October.’


tro na mìosan a tha romhainn ‘through the months ahead (before us)’


PUINGEAN A BHARRACHD


(1) ‘the beginning / the middle / the end of January’, etc.


toiseach / deireadh / meadhan an Fhaoillich
toiseach / deireadh / meadhan a’ Ghearrain
toiseach / deireadh / meadhan a’ Mhàirt
toiseach / deireadh / meadhan a’ Ghiblein
toiseach / deireadh / meadhan a’ Chèitein
toiseach / deireadh / meadhan an Ògmhìos
toiseach / deireadh / meadhan an Iuchair
toiseach / deireadh / meadhan an Lùnastail
toiseach / deireadh / meadhan na Sultain
toiseach / deireadh / meadhan na Dàmhair
toiseach / deireadh / meadhan na Samhna
toiseach / deireadh / meadhan na Dùbhlachd


(Faoilleach → Lùnastal ♂ Sultain → Dùbhlachd ♀)


Tha Ceòlas ga chumail aig toiseach an Iuchair.
Bidh Fèis Cheilteach Innse Gall a’ tachairt ann am meadhan an Iuchair.
Bidh Blas ga cumail aig toiseach na Sultain.


(Faicibh Oisean a’ Ghràmair, Sreath 1, Prògram 5.)


(2) ga c(h)umail: ‘being held’


‘Being held, being done, being said, being shown, being built’, etc.


Bidh am Mòd Nàiseanta ga chumail anns an Òban.


Bidh an fhèis Blas ga cumail air feadh na Gàidhealtachd.


Mòd ♂ : ga chumail fèis ♀ : ga cumail


A bheil càil ga dhèanamh ma dheidhinn? 
‘Is anything being done about it?’


Bha bruidhinn gu leòr a’ dol, ach an robh mòran ga ràdh?
‘There was plenty talking going on, but was much being said?’


Tha an fhianais (♀) ga sealltainn dhan diùraidh an-dràsta.
‘The evidence is being shown to the jury just now.’


Bidh na taighean ùra gan togail aig an aon àm.
‘The new houses will be being built at the same time.’

Abairt na Seachdain

Is tuisleach am bata a’ bhreug

Broadcasts

  • Sun 28 Jun 201521:30
  • Wed 1 Jul 201512:00
  • Wed 1 Jul 201522:00
  • Sun 5 Jul 201510:30
  • Sun 11 Oct 201522:01
  • Wed 14 Oct 201512:00
  • Wed 14 Oct 201522:00
  • Sun 18 Oct 201510:30
  • Sun 11 Apr 202121:30
  • Wed 14 Apr 202112:00
  • Wed 14 Apr 202122:00
  • Sun 18 Apr 202110:30

Podcast