Rabhadh mu bhuaidh phrìsean àrda cumhachd air daoine so-leònte

Dachaighean ann an taobh siar LeòdhasTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Tighean Innse Gall ag ràdh gu bheil cuid mar-thà a' cur an teas dheth ri linn cho àrd 's a tha cosgaisean cumhachd

  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann Tighean Innse Gall ag ràdh gum faodadh daoine so-leònte sna h-Eileanan Siar a bhith ann an cunnart sa Gheamhradh ri linn chosgaisean teasachaidh a bhith ag èirigh.

Tha an rabhadh seo a' tighinn agus rannsachadh ùr a' cumail a-mach gum faodadh an t-àrdachadh as motha ann an ceithir bliadhna a thighinn air cosgaisean cumhachd na dachaigh san Fhaoilleach.

Tha a' bhuidheann rannsachaidh Cornwall ag ràdh gum faodadh àrdachadh 16% a bhith ann, a bhiodh a' ciallachadh àrdachadh sa chumantas de £276 do dhachannan a tha a' cleachdadh cumhachd a' ghas agus an dealain.

Ach anns a' mhòr-chuid dhe na h-Eileanan an Iar agus air tìr-mòr na Gàidhealtachd, chan eil cothrom aig dachannan air gas agus iad an urra ri ola airson teasachaidh.

Mar sin, dh'fhaodadh an t-àrdachadh a bhith fiù 's nas àirde.

Tha Manaidsear Comhairleachaidh a' Chumhachd aig Tighean Innse Gall, Ciorstaidh NicLeòid, ag ràdh gu bheil cho mòr 's tha dachannan an urra ri ola gam fàgail ann an suidheachadh cugallach nuair a thig e gu prìsean a' dol suas.

"Sheall pròiseact a rinn sinn bho chionn ghoirid gur e £2,300 sa chumantas a bh' air a chosg le dachannan air teasachadh," thuirt i.

"Tha sinn a' faicinn mòran a' cur an teas dheth dìreach leis gu bheil na cosgaisean cho àrd mar-thà.

"Tha e a' toirt buaidh air slàinte inntinn, slàinte fhiosaigeach, agus cuideachad air na taighean iad fhèin.

"Tha dragh mòr oirnn, ma tha dachannan mar-thà a' dèanamh seo, dè an suidheachadh a chì sinn gu ruige an Fhaoillich, a' Ghearrain agus a' Mhàirt an ath-bhliadhn'."

Làmh sheann duine is iad a' cur an teas sìosTùs an deilbh, Getty Images

Tha Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill sna h-Eileanan Siar cuideachd a' togail dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig àrdachadh ann am prìsean.

"Tha sinn fhathast a' cuideachadh dhaoine a bha ann am fiachan bhon Gheamhradh a chaidh," thuirt Murchadh MacIllEathain bhon bhuidhinn.

"A' smaoineachadh gu bheil cùisean gu bhith buileach dona sa bhliadhna ri thighinn, tha sin a' toirt buaidh mhòir orra, a' smaoineachadh gu bheil iad gu bhith ann am fiachan nas motha.

"Tha sinn air a bhith ag iarraidh taraifean sòisealta (prìsean nas ìsle airson luchd-cleachdaidh a tha feumach orra) airson bhliadhnaichean, agus tha sinn a-nis air an ìre a ruighinn far nach fhaic sinn dòigh sam bith eile a-mach às."

Tha am prìomhaire Andy Burnham air aideachadh gu bheil èiginn chumhachd ron Rìoghachd Aonaichte. Tha e ag ràdh gun toir e sùil air ceum sam bith a dh'fhaodadh faochadh a thoirt do dhaoine.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh gun tèid sgeama-taice airson dachannan a chuideachadh le cosgais ola teasachaidh no gas LPG a leudachadh a-steach dhan gheamhradh seo.