An treas cuid de dhreuchdan ministeir san Eaglais Shaoir sna h-Eileanan an Iar bàn

An Eaglais Shaor ann an SiabostTùs an deilbh, Eaglais Shaor Shiaboist
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Eaglais Shaor Shiaboist am measg an fheadhainn a tha le dreuchdan bàn an-dràsta

  • Air fhoillseachadh

Tha Clèir na h-Eaglaise Saoire anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri suidheachadh "gun choimeas ann an cuimhne dhaoine" agus an treas cuid de dhreuchdan ministeir san sgìre an-dràsta bàn.

Tha sia a-mach à ochd eaglais deug anns a' chlèir a' sireadh ministear làn-ùine agus iad uile ann an Leòdhas.

'S iad sin eaglaisean Steòrnabhaigh, Gharraboist, sgìre nan Loch, Bharabhais, Shiaboist agus Chalanais.

Tha a' chlèir ag ràdh gu bheil cuideam mòr a' tighinn orra ri linn an t-suidheachaidh, agus e mar uallach air ministearan sgìrean a thuilleadh air an fheadhainn aca fhèin a fhrithealadh.

'S e an t-Urramach Pòl Moireach, ministear Cheann Loch, neach-gairm conaltraidh Clèir nan Eilean Siar.

Tha e ag ràdh gu bheil an suidheachadh air nochdadh ri linn mhinistearan a bhith a' fàgail an dreuchd agus feadhainn eile a' dol gu coithionalan eile.

Pòl Moireach a' searmonachadh, le dealbhan dathte air a chùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Urramach Pòl Moireach ag ràdh gu bheil dragh ann mun t-suidheachadh, ach nach eil cùis èiginn romhpa leis na tha de thaic ga tabhainn air coithionalan le dreuchdan bàn

"Tha sin a' tachairt anns a h-uile sgìre ach 's e an rud a tha eadar-dhealaichte gu bheil iad air tachairt còmhla ri chèile", thuirt e.

Tha an t-Urr Moireach ag ràdh nach fhacas suidheachadh coltach ri seo le dreuchdan mhinistearan bàn ann an còrr air 100 bliadhna, an dèidh sgaradh san eaglais aig toiseach na 20mh Linn.

A thuilleadh air ministearan a bhith a' cuideachadh ann an sgìrean eile, tha cuideachd feadhainn a tha air an dreuchdan a leigeil dhiubh air a bhith a' toirt taic seachad.

Ri linn seo, tha an t-Urr Moireach ag ràdh nach e cùis èiginn a tha rompha.

"Tha an t-uallach air na coithionalan iad fhèin, agus tha iad a' faighinn taic bhon chlèir", thuirt e.

"A h-uile gin dha na sia, tha comataidhean aca a tha ag obair air a' chùis.

"Tha feadhainn aca air gairmean a chur gu ministear nach deach dhaibh, agus tha feadhainn eile a' gluasad chun sin.

"Ged a tha sia coithionalan bàn, dh'fhaodadh sinn a ràdh ann an dà bhliadhna nach bi gin dhiubh san t-suidheachadh sin."