Call an Kilda is an triùir air bòrd innte a' fàgail "cridhe trom aig a h-uile duine"

Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach - triùir iasgairean a chailleadhTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgach far chosta tuath Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Tha Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gun robh call bàta-iasgaich far chosta tuath Leòdhais agus an triùir fhear a bha ag obair oirre na "bhriseadh-cridhe dha na teaghlaichean agus dha na coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar air fad".

Bha Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn seachdain an dèidh dhan Kilda a dhol a dhìth far chladaich Nis.

Chaidh corp Douglas Craigie, 49, fhaighinn tràth sa mhadainn air an 14mh den Dàmhair; cha d' fhuaireadh lorg fhathast air Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23.

Dhearbh Poileas Alba gun do thòisich an iomairt airson lorg fhaighinn air an dithis agus an soitheach às ùr madainn Diciadain.

Tha oifigearan sònraichte, dàibhearan poilis agus buidhnean eile a' rannsachadh sgìre a chaidh a chomharrachadh eadar Port Nis agus Rubha Robhanais.

Thug Mgr MacAonghais taing do Phoileas Alba, na maoir-chladaich agus dhan a h-uile buidhinn a th' air a bhith "an lùib na h-èiginn seo".

Thuirt e: "Bhithinn-sa an dòchas gun coimheadar sna coimhearsnachdan air fad g' eil na buidhnean a th' air a bhith an sàs san rannsachadh seo air a bhith a' dol air leth seachad air na h-obraichean aca a h-uile là bho thachair seo."

Tha e ag ràdh gu bheil "cridhe trom aig a h-uile duine" sna coimhearsnachdan dham buineadh an triùir iasgairean.

Thòisich an Comann iomairt, taobh a-muigh gus airgead a chruinneachadh do na teaghlaichean aca agus tha iad a' còmhradh ri riochdairean coimhearsnachd mu dheidhinn sin.

Fear maol le seacaid dhorcha agus lèine ghorm air na sheasamh air cidhe le bàtaichean-iasgaich air a chùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Donnchadh MacAonghais gu bheil "cridhe trom aig a h-uile duine" an dèidh na tubaiste

Tha Mgr MacAonghais a' gabhail ris gu bheil cunnart an lùib gnìomhachas an iasgaich ach thuirt e gu bheil an sgìre air a bhith fortanach nach eil mòran air a bhith air am bàthadh bho chionn timcheall air 12 bliadhna.

Tha e ag ràdh gu bheil an gnìomhachas an-còmhnaidh a' feuchainn ri adhartas a dhèanamh le innealan a chuireas a-mach brath-èiginn ma thachras tubaist.

"Ge b' i dè an teicneòlas a th' ann tachraidh rudeigin neo-àbhaisteach ann an tubaistean agus 's ann coltach ri gur e rudeigin mar sin a thachair an seo," thuirt e.

Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gu bheil e air a bhith a' còmhradh gach là le oifigearan bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB).

Thuirt e: "Bidh iadsan a' coimhead air na tachartasan agus a' tighinn le molaidhean aig deireadh an rannsachaidh airson faicinn an ionnsaich sinn càil bho na thachair airson 's nach tachair tubaist mar seo a chaoidh tuilleadh."