Naidheachdan 10:00m

Jackdaw

Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead seachad airson raon gas Jackdaw anns a' Chuan a Tuath fhosgladh. A rèir an riaghaltais, bidh sin a' cur gas ann an siostam na dùthcha ro dheireadh na mìos. Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Miatta Fahnbulleh, nach biodh mòran buaidh aige seo air prìsean cumhachd air a' gheamhradh seo, ged a bha tèarainteachd cumhachd am measg nan adhbharan airson a' chùis a cheadachadh. Bha cead aig an leasachadh bhon riaghaltas Thòraidheach a bh' ann, ach bha dàil air le cùisean-lagha a thogadh le luchd-iomairt airson na h-àrainneachd, a tha ag ràdh nach cuidich seo idir le dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde. Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air raon ola Rosebank.

Maoin

Aig an aon àm, tha an Seansalair air innse gum bi stòras ùr air fhosgladh - a' Mhaoin Shaoibhreis Chumhachd - far an tèid airgead cìse bho leithid raointean ola agus gas a chleachdadh airson cuideachadh le bhith a' gluasad air falbh bho chonnaidhean fosail gu cumhachd ath-nuadhachail. Thèid £2bn a chur dhan mhaoin mar thoiseach-tòiseachaidh.

An Atmhorachd

Tha prìsean àrda peatroil agus diesel air ìre na h-atmhorachd a phutadh suas. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh gun robh an atmhorachd aig 3.5% anns an t-Sultain, suas bho 3.1% anns a' bhliadhna chun an Lùnastail. Seo an treas mìos sreath a chèile a tha an atmhorachd air èirigh, agus e a' tighinn beagan làithean mus bi an Seansalair a' foillseachadh a' bhuidseit aige.

An Ucràin

Tha dùil ri coinneimh an-diugh eadar tosgaire a' Chinn-Suidhe Trump, Steve Witkoff, agus Vladimir Putin ann an St Petersburg, gus bruidhinn mun chogadh aige an ahgaidh na h-Ucràin. An-dè, choinnich Mgr Witkoff ri Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Voldomyr Zelenksy, ann an Oslo. Thuirt oifigich ann an Washington gun robh esan air beachdan ùra a thoirt air adhart mu mar a b' urrainn sìth a dhèanamh, agus Dòmhnall Trump air a bhith a' cur ìmpidh mhòir air a dhèanamh leis an Ruis.

BBC

Chan eil an seanal telebhisein Gàidhlig, BBC ALBA, idir anns an aon suidheachadh ri seanal BBC Scotland - a rèir cheannard na Gàidhlig aig a' BhBC. Tha an seanal Beurla a' dùnadh, agus ga ghluasad air-loidhne, agus am BBC a' dèanamh ghearraidhean ann an oidhirp £500m a shàbhaladh thairis air trì bliadhna. Air Aithris na Maidne thuirt Mairead Màiri Mhoireach gur e BBC ALBA an aon àite far am faighear prògraman Gàidhlig, le farsaingeachd chothroman ann air prògraman Beurla. Tha BBC ALBA sàbhailte an-drasta co-dhiù, thuirt i - agus BBC Radio nan Gaidheal sàbhailte - aig an ìre seo. Tha tuilleadh ghearraidhean ri thighinn air feadh a' BhBC fhathast, ge-tà, thuirt i.