A' chiad bhùth Tesco san Eilean Sgitheanach ceum nas fhaisge

Dealbh neach-ealain air togalach bùtha le Tesco sgrìobht os cionn an dorais ann an litrichean mòra dearga. Tha pàirc-chàraichean air beulaibh an togalaich le beagan charbadan air an stad agus chìthear daoine a' coiseachd Tùs an deilbh, ALASTAIR DICKIE, WEST RANGA SKYE LIMITED
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh meud 32,356 troigh cheàrnagach sa bhùth aig Tesco air iomall Phort Rìgh

  • Air fhoillseachadh

Tha na buidhnean air cùl plana bùth Tesco a thogail ann am Port Rìgh air iarrtas cead-dealbhachaidh a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha West Ranga Skye Earranta, co-bhanntachd eadar West Ranga Property Group agus Lujo Properties, agus Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse airson bùth Tesco a thogail air iomall a' bhaile.

A bharrachd air a' chiad Tesco san eilean, bhiodh stèisean connaidh air an làraich 4.8 acaire an cois Rathad Woodpark.

'S fhada bho bhathar a' strì airson bùth mhòr nàiseanta eile a dhèanadh farpais ris a' Cho-op aig a bheil dà thogalach am Port Rìgh agus fear san Àth Leathann.

Tha cuid a tha a' ruith bhùidhtean nas lugha air dragh a nochdadh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith orrasan mar thoradh air bùth mhòir ùir.

A bharrachd air an obair a bhios ann ga togail, tha dùil gun cruthaich a' bhùth ùr suas ri 100 cosnadh nuair a bhios i fosgailte.

Bidh Tesco cuideachd a' tabhainn seirbheis lìbhrigidh do dhachaighean air feadh an eilein.

Thuirt Alastair Dickie, Stiùiriche West Ranga Skye Earr, gun robh iad toilichte a bhith ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd tron phròiseas planaidh.

Thuirt e: "Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a' cur a-steach airson cead-dealbhachaidh airson leasachadh Thesco, agus an dòchas bùth agus stèisean connaidh a tha mòran ag iarraidh a thoirt dhan Eilean Sgitheanach."