Fàilte air taraif ga thoirt far uisge-bheatha Albannaich

- Air fhoillseachadh
Thuirt gnìomhachas an uisge-bheatha ann an Alba gu bheil iad "air an dòigh glan" leis an naidheachd gu bheil an Ceann-Suidhe Trump a' togail an taraif 10% a chuir e air an deoch bho chionn bliadhna.
Dh'innis Mgr Trump an naidheachd an dèidh turas stàite an Rìgh 's na Banrigh dha na Stàitean Aonaichte.
Bha a' chìs a' call £150m gach bliadhna don ghnìomhachas - gnìomhachas a tha air leth cudromach do dh'eaconomaidh gach cuid na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte.
"Tha an gnìomhachas air a bhith a' call mu £4m san t-seachdain ann an teachd-a-steach caillte bho às-mhalairt dha na Stàitean Aonaichte - £150m thairis air a' bhliadhna mu dheireadh fhad 's a bha na taraifean an sàs," thuirt stiùiriche ro-innleachd Comann Uisge-bheatha na h-Alba, Graeme Littlejohn.
"'S e togail dha-rìribh a tha seo don ghnìomhachas, agus faochadh do luchd-staile a-niste agus na taraifean air an togail.
"Tha seo mar thoradh air oidhirp mhòir le còmhraidhean a th' air a bhith a' dol thairis air iomadh mìos aig fìor àrd-ìre."
Thuirt Mgr Trump gu bheil e ga dhèanamh mar urram don Rìgh 's don Bhanrigh.
Chuir Mgr Trump na taraifean an sàs anns a' Ghiblean an-uiridh 's iad a' toirt buaidh chan ann a-mhàin air uisge-bheatha ach air bathair sam bith on Rìoghachd Aonaichte.
Dhearbh Riaghaltas Bhreatainn gu bheil an co-dhùnadh a' toirt buaidh air uisge-beatha sam bith a tha ga dhèanamh anns an Rìoghachd Aonaichte.
Lùghdachadh 18% air na reiceadh de dh'uisge-bheatha thall thairis
- Air fhoillseachadh12 An t-Sultain 2024
Taraifean uisge-bheatha: "bhiodh 25% dìreach uabhasach"
- Air fhoillseachadh20 Am Faoilleach
Thuirt luchd-staile ann an Kentucky, far a bheil mòran bourbon Aimeireaganach ga tharraing, gun robh call a' tighinn orrasan leis an taraif cuideachd, leis gun robh Riaghaltas Bhreatainn a' cur cìs 10% air in-mhalairt barailean bourbon a dh'Alba airson uisge-beatha aoiseachadh.
Chuir an Rìgh 's a' Bhanrigh ceithir làithean seachad anns na Stàitean Aonaichte air turas stàite fo aoigheachd Mhgr Trump 's iad a' tadhal air Washington DC, New York agus Virginia, mus do dh'fhalbh iad Diardaoin.
Mar fheagairt air an naidheachd, thuirt labhraiche às leth Lùchairt Bhuckingham gun robh an Rìgh "a' toirt buidheachais mhòir" do Mhgr Trump, agus "gum bi e a' togail drama dha".
'S e "naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann do dh'Alba" a rèir a' Phrìomh Mhinisteir Iain Swinney, 's e ag ràdh gun robh e taingeil don Rìgh airson a' phàirt chudromach a bh' aige sa choiteachadh.
"Bha na milleanan notaichean gan call a h-uile mìos bho eaconomaidh na h-Alba," thuirt e.