Taic làidir 'son slighe ùr do Stòras Uibhist

- Air fhoillseachadh
Bhòt ballrachd Stòras Uibhist gu làidir airson bòrd ùr eadar-amail a chur os cionn na buidhne.
Chruinnich sluagh mòr ann an Talla a' Chinn a Deas ann an Dalabrog airson EGM Stòras às dèidh mhìosan de bhuaireadh is de chonnspaid.
Chaidh dàil 40 mionaid air cùisean air sgàth na bh' ann de dhaoine is an cathraiche air an oidhche, Josh Doble bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba, ag ràdh gur "eisimpleir iongantach de chumhachd nan daoine agus deamocrasaidh" a bh' ann.
Bha gluasad air am beulaibh gun seasadh gach stiùiriche air gach companaidh taobh a-staigh Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh phàrant - sìos is gum bhòtadh na buill airson bòrd eadar-email a chur nan àite.
Bhiodh dleasdanas orrasan a' chompanaidh a ruith gus am biodh AGM ann is cuideachd airson structar na buidhne ùrachadh.

Bha connspaid ann mus do bhòt duine ge-tà, nuair a dhearbh fear de na stìurichean, Dòmhnall Iain Camshron, gu bheil esan an dùil fuireach gus am bi AGM ann.
Mhol Mgr Camshron do dhaoine bhòtadh an aghaidh nan rùintean a bha air am beulaibh.
Bha na beachdan is faireachdainnean làidir a tha air a bhith a' cuairteachadh Stòras follaiseach ann an coinneamh a bh' aig amannan stoirmeil is aig Mgr Doble ri iarraidh air daoine socrachadh aig aon àm tro na ceistean a bh' ann ro na bhòtaichean.
Nuair a thàinig toraidhean nam bhòtaichean air an diofar rùintean a-steach ge-tà, bha e gu math soilleir gun robh an sluagh air taic mhòr a chur ris a' phlana a bh' ann airson slighe a-mach às an staing anns a bheil an t-uachdaran coimhearsnachd.
Chaidh taic a chur ri Iain MacLeòid, Pòl Steele, Susan NicThòmais, Rona NicAoidh is Ailean Dòmhnallach mar stiùirichean air a' bhòrd eadar-amail.

Bha taic ann cuideachd 'son an rùin eile a chuireadh uallach air a' bhòrd ùr Stòras a ruith gu h-eadar-amail, structar na buidhne a dhèanamh nas proifeiseanta, agus AGM a chur air dòigh an ceann ùine airson stiùirichean ùra a thaghadh.
Fhuair na rùintean sin uile còrr is 80% den bhòt, ged nach robh ach còrr is 50% a dhìth.
Bha rùn sònraichte ann cuideachd gus leigeil le Malcolm Burr a bhith air a thaghadh mar chathraiche no iar-chathraiche.
Leis nach eil Mgr Burr na bhall de Stòras bha feum air 75% den bhòt is 's e 78% a chuir taic ris an rùn.
Chan deach obair a' chathraiche a dhearbhadh air an oidhche is dùil ri sin a dh'aithghearr.
Ged a bhios ceist ann mun aon stiùiriche nach do sheas e sìos, bha e follaiseach gun robh taic glè làidir ann 'son a' bhùird ùir agus 'son a' phlana gus a' chompanaidh ùrachadh.
Cho luath 's a thàinig a' choinneamh gu ceann chruinnich am bòrd ùr 'son chòmhraidhean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 20 uair

- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
