Lùchairtean, taighean leòmach agus tàladh luchd-turais.

Carson a dh'fhàg uaislean na h-Alba na caistealan aca airson a dhol a dh'fhuireach a thaighean leòmach?
Chaidh caistealan a thogail airson a bhith làidir seach cofhurtail. Nuair a thàinig na canain, cha robh caistealan làidir gu leòr airson seasamh ri buaidh bàlaichean canain. Cha robh caistealan mar sin a' toirt mòran dìon do dhaoine cudromach.
Dh'fhàg an teaghlach rìoghail, na h-uaislean agus na cinn-chinnidh na caistealan agus chaidh iad a dh'fhuireach a dhachaighean na bu chofhurtaile, mar taighean leòmach agus lùchairtean.
Air a' cheann thall, chaidh iomadh caisteal na thobhta. Chì thu cuid dhiubh sin fhathast an-diugh. Chaidh cuid eile a leagail agus chaidh taighean leòmach a thogail nan àite.
Lùchairtean, 1600an
Sna 1600an, cha robh daoine ag iarraidh fuireach ann an caistealan fuara, fuaraidh tuilleadh.
Bha rìghrean, banrighean agus uaislean airson sealltainn cho cudromach agus cho beairteach 's a bha iad agus thog iad lùchairtean agus taighean leòmach.
Chaidh taighean leòmach a thogail an àite mòran chaistealan.
Dè an diofar a tha eadar lùchairtean agus caistealan? list
Faigh a-mach cò ris a bha e coltach do dhaoine a bha a' fuireach ann an lùchairt rìoghail no ann an taigh leòmach.

Dachaighean rìoghail, 1800an
Bha a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert cho measail air Alba 's gun robh iad ag iarraidh an dachaigh fhèin ann.
Cheannaich iad seann chaisteal ann an àite air a bheil Baile Mhoireil le talamh-seilg àlainn mun cuairt air. Mu dheireadh leag iad an seann chaisteal agus thog iad caisteal ùr, mìorbhaileach a bha na bu mhotha.
B' e Caisteal Bhaile Mhoireil aon den dà dhachaigh aig an teaghlach rìoghail ann an Alba agus tha e aca fhathast.
Faigh a-mach barrachd an seo air mar a thàinig seann talamh-seilg gu bhith na dhachaigh rìoghail
Carson a cheannaich a' Bhanrigh Bhictoria Caisteal Bhaile Mhoireil? list
Faigh a-mach carson a bha a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert cho measail air Alba agus air Caisteal Bhaile Mhoireil.

Caistealan an-diugh
An-diugh, tha caistealan ann an Alba mar as trice air an cleachdadh nan taighean-tasgaidh no nan tàladh luchd-turais.
Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a' tadhal air caistealan ainmeil mar Caisteal Dhùn Èideann agus Caisteal Shruighlea.
Tha daoine fhathast a' fuireach ann an cuid a chaistealan, leithid Caisteal Inbhir Aora a bhuineas do Chlann Chaimbeil.
Faigh tuilleadh a-mach an seo air mar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh.
Ciamar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh? list
Faigh a-mach mu na diofar dhòighean sa bheil caistealan na h-Alba air an cleachdadh an-diugh.

More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count12 of 12
