Cha bhiodh rìghrean agus banrighean an-còmhnaidh a' fuireach ann an caistealan.
Thog iad lùchairtean àlainn a bhiodh a' coimhead math agus far am biodh spòrs aca.
Faigh a-mach cò ris a bha beatha ann an lùchairt coltach agus ciamar a bha e diofraichte bho bheatha ann an caisteal.
Dè th' ann an lùchairt?
- 'S e taigh mòr a th' ann an lùchairt anns am bi rìghrean, banrighean agus daoine uasal a' fuireach.
- Tha caistealan daingnichte. Tha sin a' ciallachadh gun deach an togail airson na daoine nam broinn a chumail sàbhailte.
- Tha lùchairtean mu dheidhinn a bhith a' coimhead math agus a bhith cofhurtail. Chaidh an togail airson gum biodh spòrs aig daoine agus airson sealltainn cho beairteach agus cho fasanta 's a bha na daoine leis an robh iad.
Lùchairtean ann an Alba

Image caption, Lùchairt Fhàclann
Chaidh Lùchairt Fhàclann ann am Fiobha a thogail bho thùs mar loidse-seilg anns na 1100an. Bhuineadh i do Chlann MhicDhuibh. Chaidh a togail às ùr mar lùchairt àlainn rìoghail 400 bliadhna an dèidh sin.
1 of 5
End of image gallery
Lùchairt Taigh an Ròid
Thoir sùil air an dealbh seo de Lùchairt Thaigh an Ròid ann an Dùn Èideann. Am faic thu na pàirtean dhen lùchairt a tha eadar-dhealaichte bho chaisteal?
Cliog air na leubailean airson barrachd fiosrachaidh mu gach feart.
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count12 of 12

- count1 of 12




