Chaidh a' chiad chaistealan ann an Alba a thogail o chionn 900 bliadhna.
Rinn eachdraichean a-mach gun deach 2000 caisteal a thogail ann an Alba.
Uaireannan chan fhaic sinn na caistealan sin. Cha bhi air fhàgail ach tobhtaichean fon talamh. Feumaidh daoine cladhach san talamh a' lorg shanasan air cò ris a bha iad coltach. Canar arc-eòlaichean ri daoine a bhios a' cladhach.

Cha bhi arc-eòlaichean ag innse dhuinn dìreach mu chaistealan. Faodaidh iad cuideachd sanasan a lorgas iad san talamh a chleachdadh mar fhianais a dh'innseas dhuinn mu na seòrsaichean thogalaichean a bhiodh a' cumail dhaoine sàbhailte mus deach na caistealan a thogail.
Dè na togalaichean a bh' ann ro chaistealan?
1500 BC–AD 1100
Mus deach caistealan a thogail ann an Alba, bha iomadh seòrsa togalaich a' cumail theaghlaichean sàbhailte bho bheathaichean fiadhaich agus bho ionnsaighean. B' e daingneachan, brochs, crannagan, taighean-fada agus taighean-cruinn a bh' ann an cuid dhiubh sin.
Tha pìosan beaga dhe na togalaichean sin fhathast rin lorg san talamh an-diugh.
Chaidh iomadh dòigh a chleachdadh airson na togalaichean sin a dhèanamh sàbhailte agus doirbh ionnsaigh a thoirt orra. Bhiodh iad gan togail shuas air beinn agus gan cuairteachadh le uisge agus feansaichean làidir, fiodha. Chleachd luchd-togail nan caistealan na beachdan sin cuideachd.
Dè bh' ann ro chaistealan? list
Faigh a-mach dè na togalaichean a bh' ann an Alba ro chaistealan.

A' chiad chaistealan ann an Alba, 1100-1200
B' e Rìgh Daibhidh I na h-Alba a thug òrdan airson a' chiad chaistealan a thogail ann an Alba.
Mar bu trice, bha na caistealan aige san stoidhle motte agus bailey a bh' aca mar-thà ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.
Faigh a-mach barrachd mu Rìgh Daibhidh I agus a' chiad chaistealan.
Cò thog a' chiad chaistealan ann an Alba? list
Faigh a-mach cò thog a' chiad chaistealan ann an Alba agus cò ris a bha iad coltach.

Borghan agus margaidhean, 1100-1200
Ge bith càit an robh caisteal, bhiodh daoine nan cabhaig taighean a thogail faisg air. Bha iad ag iarraidh obair agus bha iad airson am bathar aca a reic ris na daoine anns a' chaisteal.
Thug Rìgh Daibhidh I òrdan airson bailtean sònraichte air an robh borghan a thogail timcheall air cuid dhe na caistealan aige.
Dh'fheumadh taighean ùra sam bith ann am borgh a bhith air an togail ann an dòigh rianail. Bha a mhargaidh fhèin aig gach borgh. Thug Rìgh Daibhidh òrdan gum feumadh a h-uile duine an stuth aca a reic anns na margaidhean.
Faigh a-mach barrachd mun chiad bhailtean is mhargaidhean sna meadhan-aoisean.
Dè th' ann am borgh rìoghail? video
Faigh a-mach mar a dh'atharraich Rìgh Daibhidh I Alba leis mar a thug e òrdan borghan agus margaidhean a thogail.

More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count2 of 12

- count3 of 12
