Thog Daibhidh I bailtean ris an cante borghan rìoghail dha na daoine a bha a' fuireach mu chuairt nan caistealan aige. Faigh a-mach barrachd mu bhorghan agus mu mhargaidhean sa bhidio.
Faigh a-mach carson a thog Rìgh Daibhidh I borghan mun cuairt nan caistealan aige.

Borghan Rìgh Dhaibhidh
- Ro linn Rìgh Dhaibhidh I, cha robh bailtean oifigeil idir ann an Alba.
- Bhiodh daoine glè thric a' togail thaighean faisg air caistealan agus bhiodh iad a' dèanamh rudan agus gan reic.
- Smaoinich Rìgh Daibhidh I gun dèanadh e borghan rìoghail dhe na taighean a bha sin.
- Glè thric bhiodh margaidhean anns na borghan far am biodh daoine a' reic nan rudan a bha iad a' fàs no a' dèanamh.

Cliog air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach dè bhiodh daoine a' dèanamh agus a' reic ann am margaidhean nam borghan.
Margaidhean sna meadhan-aoisean

Image caption, Obair-fhiodha
B' e fiodh an stuth togail a bu chumanta a bh' aig daoine sna Meadhan-aoisean. Chante saor ri fear a bha ag obair le fiodh. Bhiodh iad a' dèanamh àirneis agus nithean eile le fiodh agus gan reic sa mhargaidh.
1 of 4

An robh fios agad?
- Fhuair an Cowgate ann an Dùn Èideann an t-ainm bhon chrodh a bhiodh iad a' reic anns na margaidhean an sin ann an 1428.
- Bhiodh treudan chruidh a' coiseachd sìos an t-sràid latha na margaidh.
- 'S e "gate" am facal Albannach airson slighe no rathad.

Taighean sna Meadhan-aoisean
Cha b' urrainn dhan h-uile duine fuireach ann an caisteal mòr cloiche. Bhiodh daoine nach robh cho beairteach a' fuireach ann am bothain bheaga air an dèanamh le tàthadh agus biorain.
B' e striopan fiodha air am fighe còmhla agus air an steigeadh le ùir fhliuch, crèadh no fiù 's buachar bà a bh' ann am balla-bhioran!

More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count8 of 12



