
Chaidh caistealan a thogail airson uaislean na h-Alba a chumail sàbhailte. Bho shàbhailteachd nan caistealan mòra aca, bha na h-uaislean a' riaghladh an fhearainn a dh'iarr Rìgh Alba orra coimhead às a dhèidh.
An dràsta 's a-rithist, bhiodh na caistealan aca fo ionnsaigh. Mar sin bha aig luchd-togail nan caistealan ri smaoineachadh air dòighean ùra air na caistealan a dhèanamh nas làidire agus nas sàbhailte.
A' toirt ionnsaigh air caisteal agus a' dìon caisteal, 1100–1500
Bha aig luchd-togail nan caistealan ri smaoineachadh air dòighean ùra air daoine a chumail sàbhailte anns na caistealan.
Dh'innlich iad rudan mar baidealan agus drochaidean-togail airson sin a dhèanamh.
Bha aig luchd-ionnsaigh nan caistealan air smaoineachadh air dòighean ùra airson a' chùis a dhèanamh air na caistealan.
Faigh a-mach barrachd mu bhith a' toirt ionnsaigh air caisteal agus ga dhìon an seo.
Ciamar a bhiodh daoine a' toirt ionnsaigh air caistealan agus a' dìon chaistealan? list
Faigh a-mach mar a bha daoine sàbhailte ann an caisteal agus mar a bhiodh nàimhdean a' toirt ionnsaigh orra.

Beatha fo shèist, 1304
B' e sèist nuair a chuairticheadh nàmhaid caisteal gus nach faigheadh duine air teiche agus nach faigheadh biadh a-steach dhan chaisteal.
Bha sin a' dèanamh am beatha gu math doirbh dha na daoine a bha a' dìon a' chaisteil.
Bhiodh buill-airm shònraichte airson sèist mar trebuchets aig nàimhdean airson ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal.
Faigh a-mach barrachd mu bheatha ann an caisteal fo shèist an seo.
Caistealan aig àm an Dara Cogaidh, 1939–1945
An dèidh dhan an canan a bhith air innleachadh, sguir daoine a chleachdadh chaistealan airson cogadh. Cha robh iad làidir gu leòr an aghaidh bhuill-airm cho cumhachdach.
Ach bha cuid de chaistealan ann an Alba feumail a-rithist aig àm A' Chiad Chogaidh agus An Dara Cogaidh.
Faigh a-mach mar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh.
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count8 of 12
