Chaidh caistealan a thogail airson gum biodh daoine cumhachdach a' fuireach annta agus gum biodh iad sàbhailte.
Faigh a-mach mar a bha daoine sàbhailte ann an caisteal agus mar a bhiodh nàimhdean a' toirt ionnsaigh orra.
Cuin a thòisich daoine a' toirt ionnsaigh air caistealan agus a' dìon chaistealan?
Anns na 1100an, bha Rìgh Daibhidh I na h-Alba airson gum biodh fios aig a h-uile duine gum b' e an duine bu chumhachdaiche san dùthaich. Le bhith a' togail chaistealan mòra, làidir, bha e a' sealltainn cho làidir 's a bha e.
Bha mòran theaghlaichean, no cinnidhean, nach robh ga iarraidh mar rìgh agus smaoinich iad air dòighean air ionnsaigh a thoirt air na caistealan aige.
Bha aig luchd-togail nan caistealan ri cumail a' smaoineachadh air dòighean ùra air na caistealan a dhèanamh nas làidire agus nas sàbhailte. Lean seo fad cheudan bhliadhnaichean an dèidh linn Rìgh Dhaibhidh.
A' dion caisteal

Image caption, A' togail shuas gu h-àrd
Le bhith a' togail caisteal shuas gu h-àrd, bha e doirbh do nàimhdean faighinn chun a' chaisteil. Chaidh cuid a chaistealan, leithid Caisteal Dhùn Èideann a tha anns an dealbh, a thogail air creagan agus bearraidhean nàdarra. Chaidh cuid eile, leithid Caisteal Dhuthais ann an Moireibh, a thogail air tuim a rinn daoine.
1 of 8
A' dìon Caisteal Chille Bhlàthainn
Thoir sùil air an dealbh de Chaisteal Chille Bhlàthainn ann an Dùn Phris is Gall-ghàidhealaibh. Tha e na thobhta a-nis, ach am faic thu na pàirtean dhen chaisteal air an robh e doirbh ionnsaigh a thoirt?
Cliog air na leubailean airson tuilleadh fiosrachaidh mu gach feart.
Dìon do chaisteal sna ceistean gu h-ìosal.

Ciamar a thug canain crìoch air àm nan caistealan?
Bho thràth sna 1400an, dh'atharraich an dòigh a bha caistealan air an dealbh air sgàth fùdar-gunna agus canain.
Mar eisimpleir, bha lùban-gunna nas leatha an àite tuill-saighid chumhang. B' urrainn luchd-dìon an uair sin buill-canain a losgadh a-mach às a' chaisteal air an luchd-ionnsaigh.
Bha luchd-ionnsaigh a' cleachdadh chanain cuideachd. Mu dheireadh bha canain cho cumhachdach 's nach b' urrainn caistealan iad fhèin a dhìon nan aghaidh agus thàinig àm nan caistealan gu crìch.

More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count8 of 12







