Mus robh caistealan ann an Alba, bhiodh daoine a' togail fhasgaidhean airson iad fhèin agus na bh' aca a chumail blàth, tioram agus sàbhailte bho ionnsaighean.
Faigh a-mach dè na togalaichean a bh' ann an Alba ro chaistealan.
Canaidh sinn daingnichean ris na togalaichean tràth sin. 'S e togalach, no balla no feansa a th' ann an daingneach. Tha e airson daoine agus àiteachan a chumail sàbhailte bho ionnsaigh.
Thoir sùil air an taisbeanadh agus chì thu diofar dhaingnich air feadh Alba.
Daingnichean tràth

Image caption, Taigh cruinn
Tha an taigh seo cruinn le mullach tughaidh. Tha na ballachan de stuth ionadail.
1 of 5
Ged a tha na daingnichean sin gu math sean, chì thu fhathast fianais air far an robh iad agus cò ris a bha iad coltach.
Thoir sùil air an taisbeanadh. Feuch ri coimeas a dhèanamh eadar na tobhtaichean a chì thu an-diugh agus mar a bhiodh iad o chionn ceudan no mìltean bhliadhnaichean.
Daingnichean tràth ann an Alba

Image caption, Taigh cruinn aig Skara Brae
Chaidh seann taighean cruinn a lorg san talamh aig Skara Brae ann an Arcaibh. Tha iad mu 5000 bliadhna a dh'aois ach chì thu fhathast cuid dhen àirneis agus far am biodh an teine aca.
1 of 5
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count3 of 12








