An robh fios agad gun deach cuid de chaistealan Alba a chleachdadh aig àm an Dara Cogaidh?
Faigh a-mach ciamar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh.
Carson a bha caistealan feumail aig àm an Dara Cogaidh?
- Bha mòran chaistealan ann an Alba shuas gu h-àrd no faisg air uisge. Bha iad mar sin uabhasach math mar ionadan-faire airson nàimhdean fhaicinn.
- Bha caistealan uabhasach mòr agus air an dèanamh de stuthan làidir. Bha sin a' ciallachadh gur e àite sàbhailte a bh' annta do shaighdearan airson trèanadh agus airson fois.
- Bha cuid de chaistealan air an dùthaich air falbh bho bhailtean trang. Bha iad sin feumail do dhaoine a chaidh a ghluasad airson faighinn air falbh bho na bomaichean anns na bailtean mòra.

Image caption, Caisteal Bhaile Cruic
Chaidh Caisteal Bhaile Cruic ann an Glaschu a thogail sna 1400an. Aig àm an Dara Cogaidh, bha tùr an taoibh an ear-thuath air a chleachdadh mar thùr-faire phlèanaichean. Bha an tùr àrd a' toirt sealladh na b' fheàrr do luchd-faire a bha a' coimhead a-mach airson bhomairean rè blitz Bhruaich Chluaidh.
1 of 5
End of image gallery
Luchd-obrach trì-sheirbheisean aig Caisteal an Toll Àird ann an 1942
Image source, www.combinedops.comTha an dealbh seo a' sealltainn bhuill dhen Arm, dhen Nèibhidh agus de dh'Fheachd an Adhair (RAF) aig Caisteal an Toll Àird ann an 1942. Thàinig na mìltean fheachdan a dh'Alba agus iad a' dèanamh deiseil airson a dhol air tìr ann an Afraga a Tuath, an Sicily agus sna Tìrean Ìosal, a bharrachd air Normandy air D-Day.
A' dol air tìr aig Caisteal an Toll Àird ann an 1943
Image source, www.combinedops.comTha an dealbh seo a' sealltainn bhuill dhen RAF a bha fo thrèanadh agus iad ag ionnsachadh mu dhol air tìr air tràigh faisg air Caisteal an Toll Àird as t-samhradh 1943. Bhiodh bàtaichean mòra a bhiodh a' giùlan thancaichean is charbadan a' cleachdadh a' chaisteil. Bha trèanadh le bàtaichean na bu lugha a' dol air adhart ann an Inbhir Aora.
Dè thachair dha na caistealan an dèidh an Dara Cogaidh?
An dèidh an Dara Cogaidh, chaidh mòran dhe na caistealan a thilleadh chun an fheadhainn leis an robh iad. Chaidh beagan dhiubh a dhèanamh nan taighean-òsta agus chaidh feadhainn eile nan tobhtaichean.
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count12 of 12

- count1 of 12

- count2 of 12

- count3 of 12




