Cha deach a h-uile caisteal a chì sinn an-diugh a thogail airson cogadh agus sabaid. Chaidh Caisteal Bhaile Mhoireil a thogail anns na 1800an dhan Bhanrigh Bhictoria agus dhan Phrionnsa Albert mar dhachaigh airson nan saor-làithean. Faigh a-mach barrachd sa bhidio.
Faigh a-mach carson a cheannaich a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert caisteal ann an Alba.
Cò bha sa Bhanrigh Bhictoria?
- Rugadh Bhictoria air 24 Cèitean 1819
- B' e Alexandrina Victoria an t-ainm slàn a bh' oirre
- Thàinig i gu bhith na Banrigh air Rìoghachd Aonaichte Bhreatainn agus Èirinn ann an 1837 – cha robh i ach 18!
- Phòs i a co-ogha, am Prionnsa Albert, ann an 1840
- Bha naoinear chloinne aca
- Fhuair i cuideachd an tiotal Ban-ìmpire nan Innseachan ann an 1877
- Chaochail Bhictoria ann an 1901 an dèidh a bhith na banrigh fad 64 bliadhnaichean

Càit a bheil Caisteal Bhaile Mhoireil?
- Tha Caisteal Bhaile Mhoireil ri taobh Abhainn Dheathain, ann an Siorrachd Obar Dheathain.
- Thagh Bhictoria agus Albert Taobh Dheathain oir chaidh a ràdh riutha gun robh an aimsir na b' fheàrr na bha i ann am pàirtean eile de dh'Alba.
Cuin a chaidh a thogail?
- Chaidh Caisteal Bhaile Mhoireil a thogail bho thùs mar loidse-seilg mu 1390 le Rìgh Raibeart II na h-Alba.
- Bha Bhictoria agus Albert dhen bheachd gun robh an caisteal sin ro bheag dhaibh.
- Chaidh an taigh ùr, mar as aithne dhuinn e an-diugh, a thogail eadar 1853 agus 1855.


Dè bhiodh a' Bhanrigh Bhictoria a' dèanamh aig Caisteal Bhaile Mhoireil?
Aig Caisteal Bhaile Mhoireil bu toigh leis a' Bhanrigh Bhictoria a bhith:
- a' dol air chuairt a dh'fhaicinn nan seallaidhean
- a' sgrìobhadh san leabhar-latha aice
- a' peantadh no a' sgeidseadh
- a' sealg
Tha an earrann seo a sgrìobh a' Bhanrigh Bhictoria san leabhar-latha aice ann an 1850 ag innse beagan mun ùine a chuir iad seachad ann am Baile Mhoireil – fiù 's mun droch shìde!
Dimàirt 24mh Sultain 1850, Caisteal Bhaile Mhoireil
Frasach sa mhadainn, cha d' fhuair sinn air coiseachd ro fhada. Tha a h-uile sìon cho tlachdmhor an seo — a h-uile cuairt bheag cho inntinneach; na seallaidhean — na daoine còir gun phròis — a thuilleadh air ùidh mhòr ann an spòrs, co-dhiù 's e eòin, no fèidh no èildean.
Nach fheuch thu fhèin ri earrann a sgrìobhadh airson leabhar-latha?
Smaoinich air dè dhèanadh tu nam biodh tu air saor-làithean ann an caisteal no ann an lùchairt.

Ciamar a dh'atharraich a' Bhanrigh Bhictoria caistealan na h-Alba?
B' e a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert a' chiad fheadhainn a rinn Alba agus na caistealan tarraingeach do luchd-turais.
An dèidh dhaibh Caisteal Bhaile Mhoireil a cheannach agus a bhith a' fuireach ann, thòisich barrachd dhaoine a' tighinn a dh'Alba agus bha iad ag iarraidh tighinn ann airson nan saor-làithean.
An-diugh, bidh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail a' tadhal air caistealan ann an Alba. Tha cuid dhe na caistealan a-nis nan taighean-òsta. Mar sin faodaidh daoine fuireach ann an caisteal airson nan saor-làithean dìreach mar a rinn a' Bhanrigh Bhictoria.
Faigh barrachd a-mach mu dheidhinn mar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh.
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count12 of 12

- count1 of 12

- count2 of 12
