Tha caistealan na h-Alba air a bhith nan seasamh fad cheudan bhliadhnaichean. Tha iad air cogaidhean, teintean agus droch shìde gu leòr fhaicinn.
Chan fheum sinn caistealan an-diugh anns am bi sinn sàbhailte, ach bidh sinn gan cleachdadh ann an dòighean eile.
Faigh a-mach mar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh.
Carson a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?

Image caption, Tàladh do luchd-turais agus taighean-tasgaidh
An-diugh tha mòran de chaistealan na h-Alba fosgailte dhan t-sluagh mar thàladh do luchd-turais no mar thaighean-tasgaidh. Tha Caisteal Dhail Fhoghlasaidh ann am Peairt na thaigh-tasgaidh a tha ag innse eachdraidh na Freiceadan Dubha bho 1725.
1 of 4
End of image gallery
Cò ris a tha caistealan coltach an-diugh?

Image caption, Tha mòran chaistealan nan tobhtaichean
Cha do sheas a h-uile caisteal ge-tà ri cogadh, ionnsaighean agus droch shìde. Tha caistealan mar Caisteal Chill Rìmhinn ann am Fiobha air a dhol na thobhta. Ach gheibh sinn fhathast tòrr a-mach mun togalach a bh' ann bho thùs bho na tha air fhàgail.
1 of 3
End of image gallery
More on Caistealan
Find out more by working through a topic
- count1 of 12

- count2 of 12

- count3 of 12





