Tar-shealladh air èisteachd aig an Àrd Ìre

Part ofGàidhligÈisteachd

Tar-shealladh air èisteachd

Anns an earrainn seo, tha stiùireadh agus comhairle a thaobh a bhith a' leasachadh sgilean èisteachd. Tha mìneachadh air an t-seòrsa cheistean a bhios a' nochdadh ann an deuchainn agus na nithean bunaiteach a dh'fheumas a bhith ann am freagairtean.

Back to top

Cruth na deuchainn

  • Mairidh an deuchainn èisteachd 40 mionaid uile-gu-lèir (mura bheil thu a' faighinn ùine a bharrachd).

  • Mus cluinn thu an earrann, bidh mionaid agad airson na ceistean a leughadh.

  • Cluinnidh tu an earrann dà thuras, le trì mionaidean eatarra.

  • Bidh an còrr den ùine air fhàgail airson crìoch a chur air na freagairtean.

  • Tha luach 20 comharra san deuchainn èisteachd.

Back to top

Sgilean

Oileanaich aig coimpiutairean ag èisteachd le cluais-fhònaichean agus a' gabhail notaicheanImage source, Yuri Arcurs / ALAMY

Tha na sgilean a tha a dhìth ann an deuchainn èisteachd gu ìre coltach ri sgilean leughaidh. Ach, tha thu a' dèiligeadh ris an teacsa ann an dòigh eadar-dhealaichte - tha thu ga chluinntinn seach a bhith ga leughadh.

A thuilleadh air a bhith ag èisteachd ri agus a' tuigsinn na h-earrainn, feumaidh tu na sgilean agus na comasan seo a dhearbhadh:

  • prìomh bheachdan agus fiosrachadh na h-earrainn a thuigsinn
  • sgrùdadh agus anailis a dhèanamh air cànan agus stoidhle
  • luachadh a dhèanamh air prìomh theachdaireachdan, èifeachdas no stoidhle a' phìos
Oileanaich aig coimpiutairean ag èisteachd le cluais-fhònaichean agus a' gabhail notaicheanImage source, Yuri Arcurs / ALAMY
Back to top

Seòrsaichean cheistean

Gu tric tòisichidh ceistean sna dòighean a leanas, ged nach e liosta choileanta a tha seo.

  • Carson/Dè - 's e ceist tuigse a tha seo san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh gu bheil thu a' tuigsinn prìomh phuingean/bheachdan.
  • Mìnich/Ciamar - feumaidh tu sealltainn mar a tha beachdan ceangailte, no feumaidh tu dàimhean eadar rudan san earrainn a dhèanamh soilleir.
  • Seall mar a tha - 's e ceist anailis a tha seo san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn.
  • Carson, nad bheachd - feumaidh tu beachd pearsanta a thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh.

Thoir an aire gun leugh thu na ceistean gu mionaideach.

Ma tha a' cheist ag iarraidh ort fianais, eisimpleir no adhbhar a thoirt seachad mar phàirt den fhreagairt, bi faiceallach gun dèan thu sin – mar eisimpleir le geàrr-chunntas a thoirt air na chaidh a ràdh no beachd a thoirt air an stoidhle. Chan fheum thu fianais a thoirt facal air an fhacal às an earrann èisteachd, ged a dh'fhaodas tu ma thogras tu.

Cuimhnich - eu-coltach ri Leughadh chan fheum thu d' fhaclan fhèin a chleachdadh nad fhreagairtean, cho fad 's nach iarr a' cheist ort sin a dhèanamh.

Back to top

A' leasachadh sgilean èisteachd

'S e sgil cudromach a th' ann an èisteachd ann an cànan sam bith. Is urrainn dhut do sgilean èisteachd a thoirt air adhart tro chleachdadh.

Feuch ri bhith ag èisteachd ri caochladh eisimpleirean. Dh'fhaodadh tu na sgilean agad a leasachadh le bhith:

  • ag èisteachd ri prògraman rèidio sa Ghàidhlig
  • sealltainn ri còmhradh air telebhisean
  • a bhith ag èisteachd ri pod-chraolaidhean
  • òraidean a shireadh air-loidhne
  • a' frithealadh àiteachan anns a bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh me, tachartas coimhearsnachd
Back to top

Sgilean èisteachd - feartan cainnt

Nuair tha thu ag èisteachd, feumaidh tu a bhith mothachail air feartan cànain.

Bidh luchd-labhairt a' taghadh fhaclan airson adhbharan sònraichte. Èist gu cùramach agus smaoinich carson a tha iad a' cleachdadh fhaclan no abairtean sònraichte. A bheil an neach-labhairt a' feuchainn ri buaidh a thoirt air an luchd-èisteachd no a' feuchainn ri tagradh làn faireachdainn a dhèanamh?

Bidh luchd-labhairt a' cleachdadh innleachdan mar ath-aithris, uaim, fuaimealas agus ìomhaighean airson builean sònraichte a choileanadh.

Back to top

Pìosan èisteachd

Faodaidh tu pìosan èisteachd fheuchainn, ceistean a fhreagairt orra agus quizzes a ghabhail air duilleagan èisteachd Peataichean, An t-eadar-lìon agus Mòr-bhùth ùr.

Back to top

More on Èisteachd

Find out more by working through a topic