Mòr-bhùth ùr

Part ofGàidhligÈisteachd

Earrann èisteachd mu mhòr-bhùth ùr

Dreach luath

Is urrainn sgilean èisteachd a thoirt air adhart tro chleachdadh.

Tha earrann èisteachdMòr-bhùth ùr a' toirt cothrom èisteachd ri còmhradh eadar dithis anns a bheil:

  • eisimpleirean de ghnàthsan-cainnt
  • diofar bheachdan air an togail agus air an daingneachadh

Anns an earrainn seo:

  • tha pìos èisteachd sa bheil dithis charaidean a' conaltradh mu phlanaichean airson mòr-bhùth ùr. (Cuimhnich: ann an deuchainn èisteachd, 's e aon neach a bhios a' bruidhinn, air cuspair neo-fhicsean, mar as trice.)
  • thèid coimhead ri diofar sheòrsaichean cheistean a bhios a' nochdadh ann an èisteachd, mar eisimpleir ceistean tuigse, anailis agus luachadh
  • thèid eisimpleirean a thoirt air dòighean freagarrach air na ceistean sin a fhreagairt
  • bheir an quiz cothrom dearbhadh fhaighinn air an ìre 's gun deach diofar fhaclan is abairtean a thuigsinn
Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

Sgilean

Tha tuigse, mion-sgrùdadh agus luachadh cudromach ann an gnìomhan èisteachd aig Àrd Ìre. Gheibh thu comharraidhean airson dearbhadh gun do thuig thu prìomh bheachdan na h-earrainn agus airson sealltainn gun urrainn dhut anailis is luachadh a dhèanamh air dòigh bruidhinn agus puingean an neach-labhairt.

Seòrsaichean cheistean

Nochdaidh diofar sheòrsaichean cheistean ann an gnìomh èisteachd. Seo eisimpleirean, ged nach e liosta choileanta a th' ann.

Carson/Dè'S e ceist tuigse a tha seo san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh gu bheil thu a' tuigsinn prìomh phuingean/bheachdan.
Mìnich/CiamarFeumaidh tu sealltainn mar a tha beachdan ceangailte, no feumaidh tu dàimhean eadar rudan san earrainn a dhèanamh soilleir.
Seall mar a tha'S e ceist anailis a tha seo san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn.
Carson, nad bheachdFeumaidh tu beachd pearsanta a thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh.

Chan fheum thu freagairtean a chur nad fhaclan fhèin, mura h-iarr a' cheist sin.

Back to top

Abairtean a chluinneas tu bho àm gu àm

Cluinnidh tu na h-abairtean seo an-dràsta is a-rithist. Tha iad anns a’ phìos èisteachd. Feuch a bheil fios agad dè tha iad a' ciallachadh mus èist thu ris an earrainn.

AbairtBrìghMìneachadh
Dè do chor?Ciamar a tha thu?Tha dè do chor? a' ciallachadh ciamar a tha thu? A bheil thu gu math/gu dòigheil?
Mo chreach!Nach iongantach/uabhasach sin!Tha mo chreach a' ciallachadh tha sin iongantach/duilich/uabhasach/eagalach.
buileach glangu turMa tha thu buileach glan an aghaidh rud, tha thu gu tur na aghaidh.
lùghdachadh air na prìseannithean a' fàs nas saoireTha lùghdachadh air na prìsean a' ciallachadh gu bheil prìsean a' tighinn a-nuas, a' fàs nas saoire.
aran làitheil a chosnadha bhith ag obair airson bith-beòTha aran làitheil a chosnadh a' ciallachadh a bhith ag obair gus feumalachdan a cheannach.
dìth mhòr na cèillerud gun chiall sam bithTha dìth mhòr na cèille a' ciallachadh nì a tha gun chiall sam bith.
cùm do theangabi sàmhach/na can guthTha cùm do theanga a' ciallachadh na bruidhinn, bi sàmhach, sguir a bhruidhinn. Chùm mi mo theanga – cha tuirt mi guth.
cha thairbhe dhuinnchan eil e na phrothaid/na bhuannachd dhuinnTha cha thairbhe dhuinn a' ciallachadh nach buannaich sinn càil bhuaithe.
dearg mhèirlichfìor mhèirlichTha dearg mhèirlich a' ciallachadh fìor mhèirlich, uaireannan co-cheangailte ri cosgais – "Suas ri dà nota! Dearg mhèirlich!"
rud gun dreachrud gun chruth brèagha sam bith'S e rud gun dreach rud nach eil a' coimhead math idir.
Back to top

Mòr-bhùth ùr - earrann èisteachd

Leugh na ceistean mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Bòrd cafaidh le cofaidh dubh ann an cupa geal, siuga bainne is bobhla gràineagan cofaidhImage source, Yalcin Sonat / ALAMY
Image caption,
Bha mi a' dol seachad, agus nuair a chunnaic mi an cafaidh, thàinig pathadh orm airson cupan cofaidh

Back to top

Ceistean air an earrainn

1(a) Dè am beachd a tha Ceit a' toirt seachad air Baile Choilltinis?

1(b) Dè as coireach ri sin?

  1. Dè, a rèir Marc, as coireach nach eil an cafaidh no am baile cho trang 's a b' àbhaist?

  1. Dè an leasachadh a tha a' tighinn aig Bun a' Bhealaich?

  1. Seall mar a tha Ceit a' nochdadh a mì-thoileachais a thaobh na mòr-bhùth.

  1. Mìnich dà adhbhar air a bheil Marc a' cur a thaic ri plana na mòr-bhùth.

  1. Thoir seachad dà eisimpleir de na cunnartan a tha Ceit a' faicinn a thaobh na mòr-bhùth.

  1. Seall mar a tha Marc a' cleachdadh magadh is fealla-dhà airson na beachdan aige a neartachadh.

  1. "Tiud! Cha thairbhe dhuinn a bhith ag argamaid."

Beachdaich air an dòigh sa bheil an earrann seo a' tighinn gu co-dhùnadh. Seall mar a tha an deireadh seo freagarrach mar chrìoch air an earrainn.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Seo ruith eile air abairtean à pìos èisteachd Mòr-bhùth ùr a tha rin cluinntinn ann an còmhradh làitheil.

AbairtBrìgh
Dè do chor?Ciamar a tha thu?
Mo chreach!Nach iongantach/uabhasach sin!
buileach glangu tur
lùghdachadh air na prìseannithean a' fàs nas saoire
aran làitheil a chosnadha bhith ag obair airson bith-beò
dìth mhòr na cèillerud gun chiall sam bith
cùm do theangabi sàmhach/na can guth
cha thairbhe dhuinnchan eil e na phrothaid/na bhuannachd dhuinn
dearg mhèirlichfìor mhèirlich
rud gun dreachrud gun chruth brèagha sam bith
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Èisteachd

Find out more by working through a topic