Earrann èisteachd air peataichean
Dreach luath
Anns an earrainn seo:
- tha pìos èisteachd mu pheataichean
- thèid coimhead ri diofar sheòrsaichean cheistean a bhios a' nochdadh ann an èisteachd, mar eisimpleir ceistean tuigse, anailis agus luachadh
- thèid eisimpleirean a thoirt air dòighean freagarrach air na ceistean sin a fhreagairt
- bheir an quiz cothrom barrachd mìneachaidh fhaighinn air diofar fhaclan is abairtean a nochdas san earrainn
Ionnsaich barrachd
Sgilean
Tha tuigse, mion-sgrùdadh agus luachadh cudromach ann an gnìomhan èisteachd. Gheibh thu comharraidhean airson dearbhadh gun do thuig thu prìomh bheachdan na h-earrainn agus airson sealltainn gun urrainn dhut anailis is luachadh a dhèanamh air dòigh bruidhinn agus puingean an neach-labhairt.
Seòrsaichean cheistean
Bidh diofar sheòrsaichean cheistean ann an gnìomh èisteachd. Seo eisimpleirean, ged nach e liosta choileanta a th' ann.
| Carson/Dè | 'S e ceist tuigse a tha seo san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh gu bheil thu a' tuigsinn prìomh phuingean/bheachdan. |
| Mìnich/Ciamar | Feumaidh tu sealltainn mar a tha beachdan ceangailte, no feumaidh tu dàimhean eadar rudan san earrainn a dhèanamh soilleir. |
| Seall mar a tha | 'S e ceist anailis a tha seo san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn. |
| Carson, nad bheachd | Feumaidh tu beachd pearsanta a thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh. |
Chan fheum thu freagairtean a chur nad fhaclan fhèin, mura h-iarr a' cheist sin.
Peataichean - earrann èisteachd
Image source, Tierfotoagentur / ALAMYSeo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh le earrann èisteachd mun cheangal shònraichte a th' eadar daoine is beathaichean.
Leugh na ceistean mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.
Image source, Tierfotoagentur / ALAMYPeataichean
'S fhada an t-saoghail bho thòisich ceangal sònraichte eadar dhaoine is bheathaichean. Uaireigin bhiodh daoine is coin a' sealg nan aon bheathaichean airson biadh. Ach leudaich an ceangal seo chun na h-ìre 's gun robh coin air an trèanadh gu bhith nan companaich aig daoine, seach dìreach a bhith ag obair dhaibh. A rèir eachdraidh, ged bha cait ann an dùthchannan eile, bho chionn mhìltean de bhliadhnaichean bha na seann Èipheitich ag àrach chait fhiadhaich. B' ann bhuapasan a thàinig na cait teaghlaich air a bheil sinn a-nise cho eòlach. Gu dearbha, bha na h-Èipheitich aig aon àm a' meas chait mar dhiathan, agus bhiodh iad fiù 's gan dèanamh nam mumaidhean nuair a bhàsaicheadh iad. Anns an latha an-diugh tha peataichean de chaochladh sheòrsachan aig daoine air feadh an t-saoghail, peataichean mar eich, mar èisg agus mar eòin.
Ged a tha peataichean aig mòran dhaoine, tha ceist air cuid mu am bu chòir dhuinn a bhith a' gleidheadh pheataichean airson toileachas no mar chompanaich. Tha e coltach gu bheil mu fhichead 's a sia millean cù is cat san Rìoghachd Aonaichte agus tha iad uile a' cur feum air biadh, ùine agus cùram meidigeach. Feumaidh sinn a bhith coibhneil ri ar peataichean, agus gu dearbha tha an lagh a' feuchainn ri beathaichean a dhìon bho an-iochdmhorachd dhaoine. Cuideachd tha gnìomhachas mòr nàiseanta air èirigh, mar a bhith a' dèanamh biadh is innealan airson cluiche do choin is do chait, oir tha uiread de dhaoine cho measail air peataichean.
Tha daoine a tha an aghaidh a bhith a' cumail pheataichean ag ràdh gu bheil sinn a' cleith chòirichean bunaiteach air beathaichean a th' againn mar pheataichean. Tha iad ag ràdh gu bheil sinn gan glasadh gu mì-nàdarrach airson toileachas dhuinn fhèin. Cuideachd, tha e air a ràdh gu bheil sinn a' cleith orra fiosrachadh air beatha nàdarra a gheibheadh iad air a' bhlàr a-muigh, seach gu bheil sinn gan cur ann an suidheachadh nach eil iad a' tuigsinn. Their iad gum faod droch bhuaidh a bhith aig a sin air slàinte bheathaichean, eadhon ged a dh'fheuchas sinn daonnan ri bhith cho cùramach 's as urrainn dhuinn.
Canaidh daoine eile gur e rud gu tur nàdarrach a th' ann peataichean a bhith againn, nach eil sinne idir beò ann an saoghal leinn fhèin. Their iad gu bheil beathaichean san dachaigh mòran nas fheàrr dheth agus nas cofhurtaile na beathaichean a tha a-muigh 's a tha fuasgailte do chunnartan an t-saoghail mhòir. Bheir iadsan toileachas dhuinne, tha sinne a' toirt toileachas dhaibhsan.
Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile duine a' coimhead às dèidh bheathaichean mar as còir dhaibh. Ma tha peata againn san dachaigh, feumaidh sinn tuigsinn gum bi uallach na chois. Chan urrainn dhuinn falbh astar mòr bhon taigh, eadhon airson greiseag, agus am peata fhàgail air a cheann fhèin. Ach ma bhios sinne gu math do ar peataichean bidh iadsan, mar as trice, dìleas dhuinne agus cha bhi sinn aonaranach nuair bhios iad mun cuairt. Fàsaidh sinn anabarrach ceangailte riutha. Agus gu cinnteach bidh sinn gan ionndrainn nuair a thig am beatha gu ceann.
Ceistean air an earrainn
- Mìnich mar a chaidh an ceangal eadar daoine agus coin a leudachadh.
An toiseach, bhiodh coin agus daoine a' sealg nan aon bheathaichean airson biadh.
Ach chaidh seo a neartachadh is thòisich daoine a' trèanadh choin gus am biodh iad nan companaich dhaibh.
- Dè an dà rud a tha a' dearbhadh gun robh cait gu math cudromach do na seann Èipheitich?
Bhiodh iad gam meas mar dhiathan.
Dheidheadh an dèanamh nam mumaidhean an dèidh dhaibh bàsachadh.
- Dè tha a' sealltainn gu bheil peataichean cudromach san Rìoghachd Aonaichte?
Tha mu 26 millean cù is cat san dùthaich.
- Dè a' bhuaidh a th' aig an àireamh pheataichean san Rìoghachd Aonaichte air gnìomhachas na dùthcha?
Tha gnìomhachas mòr nàiseanta air fàs.
Bidh an gnìomhachas seo a' dèanamh rudan do choin is cait leithid biadh is dèideagan.
- Thoir dà adhbhar airson daoine a bhith an aghaidh peataichean a chumail.
Tha sinn gan glasadh a-staigh, a chionn 's gu bheil iad gar dèanamh toilichte.
Chan eil sinn a' leigeil leotha beatha nàdarra a bhith aca mar a bhiodh nam biodh iad beò air a' bhlàr a-muigh.
- Seall mar a tha an neach-aithris a' cleachdadh taghadh-facail airson dearbhadh gu bheil deagh adhbharan ann peataichean a chumail.
"nas cofhurtaile"
Tha am facal "cofhurtaile" a' dearbhadh dhuinn gu bheil beatha nas sàbhailte agus nas tlachdmhoire aig beathaichean a tha air an cumail mar pheataichean.
Comhairle: chan fheum thu fianais a thoirt facal air an fhacal às an earrann èisteachd.
- "Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile duine a' coimhead às dèidh bheathaichean mar as còir dhaibh." Seall mar a tha an seantans seo cudromach a thaobh structar na h-earrainn.
"Gu mì-fhortanach" - tha an neach-aithris air a bhith a' bruidhinn air na buannachdan a tha an lùib pheataichean, ach tha an abairt seo a' comharrachadh atharrachadh ann an tòna na h-earrainn. Tha an cuspair a' gluasad chun nan dleastanasan mòra a tha an cois pheataichean a bhith againn.
- Nad bheachd-sa, dè cho soirbheachail 's a bha stoidhle an neach-labhairt? Cleachd fianais às an earrainn a tha a' dearbhadh seo. Na tog air freagairtean a chleachd thu mar-thà.
Bha stoidhle an neach-labhairt gu math soirbheachail.
"Ach ma bhios sinne gu math do ar peataichean"
Le bhith a' coimhead air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan, chaidh togail air dà thaobh na h-argamaid gu cothromach is tha an neach-èisteachd nas buailtiche earbsa a chur san neach-labhairt mar thoradh air a sin.
Comhairle: ann an ceistean den t-seòrsa, chan eil freagairt 'cheart' no 'cheàrr' ann - feumaidh tu beachd a thoirt seachad le mìneachadh agus fianais, mar eisimpleir geàrr-chunntas air na chaidh a ràdh no beachd air an stoidhle a rèir is dè tha a' cheist ag iarraidh. Chan fheum thu fianais a thoirt facal air an fhacal às an earrann èisteachd, ged a dh'fhaodas tu ma thogras tu.
- Le bhith a' smaoineachadh air an earrainn air fad, inns dè am prìomh theachdaireachd a tha aig an neach-labhairt. Mìnich carson a tha thu den bheachd seo le bhith a' cleachdadh fianais às an earrainn. Na tog air freagairtean a chleachd thu mar-thà.
"feumaidh sinn tuigsinn gum bi uallach na chois."
Ged a tha e soilleir gu bheil an neach-labhairt measail air peataichean, agus gu bheil mòran adhbharan ann peata a bhith againn, tha e soilleir gu bheil an neach-labhairt airson 's gun tuig an neach-èisteachd gum feumar a bhith mothachail air an obair a tha nan lùib is gu bheil dleastanas mòr nan cois.
Comhairle: ann an ceistean den t-seòrsa, chan eil freagairt 'cheart' no 'cheàrr' ann - feumaidh tu beachd a thoirt seachad le mìneachadh agus fianais, mar eisimpleir geàrr-chunntas air na chaidh a ràdh no beachd air an stoidhle a rèir is dè tha a' cheist ag iarraidh. Chan fheum thu fianais a thoirt facal air an fhacal às an earrann èisteachd, ged a dh'fhaodas tu ma thogras tu.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Nochdaidh diofar sheòrsaichean cheistean ann an gnìomh èisteachd. Tha cuid sa chlàr.
| Ceist | Na tha ri dhèanamh san fhreagairt |
|---|---|
| Carson/Dè | Ceist tuigse san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh do thuigse air prìomh phuingean/bheachdan. |
| Mìnich/Ciamar | Seall mar a tha beachdan ceangailte, no dèan dàimhean eadar rudan san earrainn soilleir. |
| Seall mar a tha | Ceist anailis san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn. |
| Carson, nad bheachd | Beachd pearsanta ri thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh. |
More on Èisteachd
Find out more by working through a topic
- count3 of 4

- count4 of 4

- count1 of 4
