An t-eadar-lìon

Part ofGàidhligÈisteachd

Earrann èisteachd mun eadar-lìon

Dreach luath

Anns an earrainn seo:

  • tha pìos èisteachd mun eadar-lìon
  • thèid coimhead ri diofar sheòrsaichean cheistean, mar eisimpleir ceistean tuigse, anailis agus luachadh
  • thèid eisimpleirean a thoirt air dòighean freagarrach air na ceistean sin a fhreagairt
  • bheir an quiz cothrom barrachd mìneachaidh fhaighinn air diofar fhaclan is abairtean a nochdas san earrainn
Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

Sgilean

Tha tuigse, mion-sgrùdadh agus luachadh cudromach ann an gnìomhan èisteachd. Gheibh thu comharraidhean airson dearbhadh gun do thuig thu prìomh bheachdan na h-earrainn agus airson sealltainn gun urrainn dhut anailis is luachadh a dhèanamh air dòigh bruidhinn agus puingean an neach-labhairt.

Seòrsaichean cheistean

Bidh diofar sheòrsaichean cheistean ann an gnìomh èisteachd. Seo eisimpleirean, ged nach e liosta choileanta a th' ann.

Carson/Dè'S e ceist tuigse a tha seo san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh gu bheil thu a' tuigsinn prìomh phuingean/bheachdan.
Mìnich/CiamarFeumaidh tu sealltainn mar a tha beachdan ceangailte, no feumaidh tu dàimhean eadar rudan san earrainn a dhèanamh soilleir.
Seall mar a tha'S e ceist anailis a tha seo san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn.
Carson, nad bheachdFeumaidh tu beachd pearsanta a thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh.

Chan fheum thu freagairtean a chur nad fhaclan fhèin, mura h-iarr a' cheist sin.

Back to top

An t-eadar-lìon - earrann èisteachd

Dithis oileanach a' rannsachadh pròiseact còmhla le laptop, coimpiutair tablet is pàipearImage source, Stockbroker / ALAMY
Image caption,
Feumaidh oileanaich a bhith a' leughadh 's a' rannsachadh

Seo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh le earrann mun eadar-lìon.

Leugh na ceistean mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Dithis oileanach a' rannsachadh pròiseact còmhla le laptop, coimpiutair tablet is pàipearImage source, Stockbroker / ALAMY
Image caption,
Feumaidh oileanaich a bhith a' leughadh 's a' rannsachadh

Beachdan air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib a bhith a' cleachdadh an eadar-lìn

Back to top

Ceistean air an earrainn

Beachd Chaluim

  1. Dè na teagamhan a th' aig Calum mun fhiosrachadh a gheibh e bhon eadar-lìon?

2(a) Ainmich dà chunnart a tha Calum a' faicinn mun eadar-lìon.

2(b) Ciamar a dh'fhaodas droch bhuaidh a bhith aig an eadar-lìon air òigridh?

  1. Cò gu sònraichte air am faod an t-eadar-lìon cron a dhèanamh?

  1. Nad bheachd-sa, dè an teachdaireachd as cudromaiche a tha Calum a' toirt seachad san aithris aige? Cleachd fianais nad fhreagairt.

Beachd Anna

  1. Dè am beachd a tha aig Anna air a' mhòr-chuid de dhaoine a bhios a' cleachdadh an eadar-lìn?

  1. Ciamar, a rèir Anna, as urrainn dhuinn briseadh a-steach air ar beatha a sheachnadh?

  1. Ciamar a tha an t-eadar-lìon math airson co-obrachadh le daoine eile?

  1. Ainmich dà dhòigh, a rèir Anna, sa bheil an t-eadar-lìon feumail do dh'oileanaich.

  1. Beachdaich air stoidhle labhairt Anna. Seall mar a tha i soirbheachail ann a bhith a' toirt seachad a beachdan. Na tog air freagairt a chleachd thu mar-thà.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Nochdaidh diofar sheòrsaichean cheistean ann an gnìomh èisteachd. Tha cuid sa chlàr.

CeistNa tha ri dhèanamh san fhreagairt
Carson/DèCeist tuigse san fheum thu freagairt phongail a thoirt seachad a tha a' dearbhadh do thuigse air prìomh phuingean/bheachdan.
Mìnich/CiamarSeall mar a tha beachdan ceangailte, no dèan dàimhean eadar rudan san earrainn soilleir.
Seall mar a thaCeist anailis san fheum thu sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh cànan no sgilean teicnigeach a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an earrainn.
Carson, nad bheachdBeachd pearsanta ri thoirt seachad, stèidhichte air na chuala tu san earrainn, mar as trice le fianais no adhbhar airson am beachd agad a neartachadh.
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Èisteachd

Find out more by working through a topic