Na Stàitean AonaichteCiamar a bhios na SA a' toirt buaidh air dùthchannan eile?

Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a' toirt buaidh air saoranaich nan SA.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Ciamar a bhios na SA a' toirt buaidh air dùthchannan eile?

'S e dùthaich chudromach a th' anns na SA agus tha buaidh mhòr aice air na bhios a' tachairt air feadh an t-saoghail.

Cumhachd eaconamach

'S e na SA fhathast prìomh chumhachd eaconamach an t-saoghail. A rèir Banca an t-Saoghail, bha Làn Thoradh Dùthchail (GDP) de $25.46 trillean aice ann an 2022.

'S e fòram a th' anns an G7 do phrìomh poileasaidhean a dheasbad agus a cho-òrdanachadh, coimhead ri dùbhlain chruinneil agus co-obrachadh eadar-nàiseanta a cho-òrdanachadh. 'S e Canada, an Fhraing, a' Ghearmailt, an Eadailt, Iapan, an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte a tha nam buill.

'S e fòram cruinneil de 19 dùthchannan fa leth agus an t-Aonadh Eòrpach a tha san G20. Bidh ceannardan à dùthchannan a than am buill a' coinneachadh gach bliadhna airson beachdan iomlaid agus airson co-obrachadh air fuasglaidhean airson fàs eaconamach agus seasmhachd.

Tha na SA na prìomh chumhachd ann an dà bhuidheann cudromach de dhùthchannan:

  • an G7 a chruthaich 30% de bheairteas an t-saoghail ann an 2022
  • an G20 a chruthaich 75% de bheairteas an t-saoghail ann an 2022

Tha ceanglaichean làidir aig na SA ri Israel, caidreabhach traidiseanta anns an Ear Mheadhanach.

Cumhachd armailteach

'S e na SA fhathast prìomh chumhachd armailteach an t-saoghail. A rèir Institiud Rannsachaidh Sìth Eadar-nàiseanta ann an Stockholm, b' e na Stàitean Aonaichte an nàisean a bu mhotha a chosg air na feachdan aca air an t-saoghal aig 39% dhen chosgais armailtich gu lèir. Thàinig seo gu $887 billean ann an 2022. B' e Sìona, a chosg $292 billean, a bha anns an dara àite.

Tha na SA air a bhith nam prìomh bhall de Bhuidheann Còrdadh an Atlantaig a Tuath (North Atlantic Treaty Organisation no NATO) bho chaidh a stèidheachadh ann an 1949. 'S e NATO an còrdadh armailteach as motha agus as cumhachdaiche air an t-saoghal. Ann an 2023, bha 31 stàit nam buill.

Tha nèibhidh mhòr, chumhachdach aig na SA. Le ionadan nèibhidh air feadh na cruinne agus iomadh "buidheann ionnsaigh giùlain" le soitheach-giùlain cumhachdach phlèanaichean os cionn gach buidheann, thèid aig nèibhidh nan SA air ùidhean nan SA a dhìon an àite sam bith air an t-saoghal.

San t-Sultain 2021, chaidh na SA an sàs ann an còrdadh ùr tèarainteachd cuide ris an RA agus Astràilia ris an canar AUKUS (Australia, UK, US). Leigidh seo le Astràilia bàtaichean-aigeann le cumhachd niuclasach a thogail, a’ cleachdadh teicneòlas bho na SA.

Na SA agus a' UN

Tha na SA nam ball cudromach agus buadhach de Bhuidheann nan Dùthchannan Aonaichte (UN).

Tha na SA a' pàigheadh barrachd a-steach do bhuidseat coitcheann a' UN (22%) na tha dùthaich sam bith eile. 'S e Sìona an dara dùthaich as motha a tha a' cur ris le 15.25%.

'S iad cuideachd as motha a tha a' cur ri buidseat cumail-na-sìthe aig a' UN le 27.9%.

Tha na SA nam ball maireannach de Chomhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte. 'S e a' Chomhairle Tèarainteachd a' phàirt dhen UN a tha a' feuchainn ri stad a chur cogadh agus sìth a bhrosnachadh air feadh an t-saoghail.

'S ann an New York a tha prìomh oifisean Buidheann nan Dùthchannan Aonaichte.

Na SA san 21mh Linn

'S e na SA an dùthaich as buadhaiche air an t-saoghal an-dràsta, ach tha dùthchannan eile a' toirt dùbhlan do bhuaidh nan SA.

Sìona

'S e Sìona an dara dùthaich as cumhachdaiche air an t-saoghal às dèidh nan SA. Tha Sìona a' dèanamh an dara sùim beairteis as motha, agus o chionn ghoirid, tha iad air a bhith a' cosg gu mòr air na feachdan armailteach airson gum bi barrachd cumhachd aca.

Tha an riaghaltas ann an Sìona gu math eadar-dhealaichte bho riaghaltas nan SA. Chan e deamocrasaidh a th' ann an Sìona, agus tha seo uaireannan a' ciallachadh gum bi eas-aonta eadar iad fhèin agus dùthchannan mar na SA.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Sìona air a bhith ag iarraidh gun tèid Taiwan, stàit eilein, a chaidh dhealachadh bho Shìona ann an 1949, a thilleadh gu bhith fo riaghladh Shìona.

'S e deamocrasaidh a th' ann an Taiwan, agus tha an riaghaltas aca an aghaidh a' chuideim seo bho Shìona. Tha na SA a' faicinn Taiwan mar phrìomh chompàirtiche anns a' phàirt seo dhen t-saoghal agus tha iad an aghaidh atharrachadh sam bith anns an inbhe aca nach faighear gu sìtheil. Tha seo a' dèanamh còmhstri eadar na SA agus Sìona.

Tha Sìona cuideachd air barrachd smachd iarraidh ann an Cuan Shìona a Deas agus dh'fheuch iad ri barrachd cheanglaichean malairt a stèidheachadh air feadh an t-saoghail. Dha na SA, tha e na dhùbhlan dhan àite aca mar phrìomh dhùthaich an t-saoghail mar a tha buaidh Shìona a' dol am meud.

An Ruis

B' e ionnsaigh na Ruis air Ugràin ann an 2022 a' chùis eadar-nàiseanta a bu mhotha dha na SA. Chan eil Ugràin na ball de NATO, agus mar sin, chan fheumadh caidreachas NATO a dhol ga dìon. Ach tha i na dùthaich "compàirteachais" agus tha tuigse ann gun tèid Ugràin a-steach a NATO uaireigin san àm ri teachd.

Tha mòran de dhùthchannan NATO air a bhith a' toirt bhuill-airm do Ugràin airson iad fhèin a dhìon an aghaidh na Ruis. Thàinig fada a bharrachd taic – armailt agus ionmhas – do Ugràin bho na SA seach dùthaich sam bith eile. An-diugh, tha cuid de cheannardan poilitigeach a' faighneachd dè cho fad' 's a bu chòir dha na SA taic a thoirt do Ugràin agus i a' feuchainn ri putadh air ais an aghaidh a' Chinn-suidhe Putin anns an Ruis. Feumaidh na SA agus buill eile de NATO co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh air na bu chòir dhaibh do thaic a thoirt do Ugràin, agus aig an aon àm gun iad airson gun tig na feachdan armailteach aca ann an còmhrag dhìreach ris an Ruis.

Tha na SA agus iomadh dùthaich eile air a bhith ag obair airson a chur air a' Cheann-suidhe Putin, a charaidean agus an Ruis.

Tha cogadh-saidhbear cuideachd na chunnart dha na SA. 'S e hacairean nàisein-stàite às an Ruis an cunnart saidhbear as motha a th' ann le Sìona dìreach beagan air an cùlaibh.

Dùbhlain bho dhùthchannan eile

Ann an iomadh pàirt dhen t-saoghal, tha dùbhlan ga thoirt dhan àite chumhachdach, chruinneil a bha aig na SA.

Mar eisimpleir:

  • Tha Afganastan a-rithist air a ruith leis an Taliban – buidheann eastramach a tha nàimhdeil do luachan agus do chreideasan nan SA.
  • Tha na SA a' cur às leth Iran gu bheil iad a' brosnachadh ceannairc air feadh an t-saoghail. Tha na SA a' cleachdadh smachd-bhannan gus stad a chur air Iran bho bhith a' leasachadh a' phrògram niuclasach aice.
  • Tha Coiria a Tuath airson buill-airm nas cumhachaiche a chruthachadh agus mhaoidh iad roimhe ionnsaigh a thoirt air na SA.
  • Tha an Ceann-suidhe Bashar al-Assad na cheannard air Siria, agus tha mòran dhùthchannan, na SA nam measg, dhen bheachd gun do mhùch e gun tròcair còraichean daonna anns an dùthaich.