Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Na Stàitean AonaichteAn siostam poilitigeach anns na SA

Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a' toirt buaidh air saoranaich nan SA.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

An siostam poilitigeach anns na SA

Dè th' ann am Bun-reachd nan SA?

Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh Bun-reachd nan SA agus na diofar mheuran de riaghaltas nan SA.

What is the US Constitution?

Tha Bun-reachd nan SA a' toirt cunntas air còraichean muinntir Ameireaga agus structar Riaghaltas nan SA.

Ìomhaigh a’ sealltainn na diofar roinnean ann am Bun-reachd nan SA

Dè na còraichean agus na dleastanasan a tha air saoranaich Ameireaga?

Tha còraichean sònraichte aig saoranaich Ameireaga agus tha iad sin air an comharrachadh sa bhun-reachd.

Tha na còraichean sin gu lèir sgrìobhte ann am Bun-reachd nan SA, a' Bhun-reachd sgrìobhte as sine air an t-saoghal. 'S e an lagh as àirde san dùthaich, agus tha a h-uile saoranach fon lagh sin.

Tha e uabhasach doirbh do dhuine sam bith, ceann-suidhe, neach-poilitigs no saoranach àbhaisteach a' Bhun-reachd atharrachadh.

Bun-reachd nan SA

Tha Bun-reachd nan SA a' sealltainn còraichean muinntir Ameireaga agus structar riaghaltas nan SA.

'S e Artaigil 1 de Bhun-reachd nan SA bun-stèidh Mòr-dhail nan SA no a' phàrlamaid thaghte. Tha e ag ràdh gum bi dà thaigh, no pàirtean a nì co-dhùnaidhean, ann am Mòr-dhail nan SA – Seanadh agus Taigh nan Riochdairean. Tha e cuideachd a' toirt cunntas air mar a thèid riochdairean an t-Seanaidh agus Thaigh nan Riochdairean a thaghadh.

Tha Artaigil 2 de Bhun-reachd nan SA a' toirt cunntas air mar a tha Ceann-suidhe nan SA air a thaghadh agus na cumhachdan aca.

Tha Artaigil 3 ag ràdh gur e Prìomh Chùirt nan SA a' chùirt as àirde a bhios anns na SA.

Dè th' ann an atharrachaidhean Bun-reachd nan SA?

Tha a' chiad deich Atharraichean air a' Bhun-reachd a' dìon a h-uile saorsa bunaiteach a th' aig na h-Ameireaganaich. Canar Bile nan Còraichean riutha sin. 'S dòcha gur e a' chiad agus an dara atharrachadh as ainmeile dhiubh.

Dè th' anns a' Chiad Atharrachadh?

Congress shall make no law respecting an establishment of religion, or prohibiting the free exercise thereof; or abridging the freedom of speech, or of the press; or the right of the people peaceably to assemble, and to petition the Government for a redress of grievances.
The American Constitution

Tha na h-Ameireaganaich a' creidsinn gu bheil saorsa labhairt is bheachdan riatanach ann an deamocrasaidh. Tha an cothrom deasbad a dhèanamh agus bhòtadh, cruinneachadh agus fianais-dhùbhlain a thogail, adhradh a dhèanamh agus ceartas a bhith ann dhan h-uile duine, an crochadh air labhairt agus fiosrachadh a bhith gun bhacadh.

B' e 3 Cèitean 2023 an 30mh ceann-bliadhna aig Latha Saorsa Meadhanan Clò-bhuailte an t-Saoghail. Tha an latha seo a' toirt cothrom gus cuideam a chur air an fheum a th' ann dhan h-uile riaghaltas air an t-saoghal spèis a thoirt dha na geallaidhean aca a thaobh meadhanan clò-bhuailte saor agus saor labhairt. Anns na SA, dh'fhoillsich an Ceann-suidhe Biden fiosrachadh a' toirt urram dhan h-uile neach-naidheachd is neach-aithris a' chòir aca air saor labhairt a chleachdadh airson dèanamh cinnteach gun tèid an fhìrinn innse. Chuir e cuideam anns an aithris air cho cudromach 's a tha a' Chiad Atharrachadh agus ag ràdh tha saor labhairt na clach-stèidh dhen deamocrasaidh (SA) againn.

Dè th' anns an Dara Atharrachadh?

Tha pàirt dhen Dara Atharrachadh de Bhun-reachd nan SA ag ràdh, chan fhaodar a dhol an aghaidh còir nan daoine buill-airm a chumail agus a ghiùlan.

Tha an Dara Atharrachadh gu math connspaideach anns na SA. Tha seo a chionn 's gur e seo an t-atharrachadh a tha a' toirt cead do shaoranaich Ameireaga a tha nas sine na 18 gunna a bhith aca.

Faodaidh gunnaichean a bhith aig fiù 's clann fo 18 ma thug pàrantan no luchd-gleidhidh dhaibh iad mar phrèasantan agus ma tha cead sgrìobhte aca. Tha e comasach do dh'Ameireaganach uidheamachd armailteach, mar buill-airm ionnsaigheil a loisgeas barrachd air aon turas, a bhith aca.

An dèidh grunn mhòr-mharbhaidhean, tha cuid air a bhith ag iarraidh atharrachadh ann an laghan nan gunnaichean, agus fiù 's atharrachadh às ùr a dhèanamh air a' bhun-reachd. Tha mòran maoineachaidh is taic aig a' bhuidheann iomairt Comann Nàiseanta nan Raidhfilean (National Rifle Association) agus tha iad an aghaidh atharrachadh mar sin.