Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Na Stàitean AonaichteDaoine anns na SA

Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a' toirt buaidh air saoranaich nan SA.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Daoine anns na SA

Cò ris a tha sluagh nan SA coltach?

'S e dùthaich le iomadh diofar bhuidhnean dhaoine a th' anns na Stàitean Aonaichte.

Bha Biùro Cunntas-sluaigh nan SA a' tuairmeas gun robh àireamh-sluaigh nan SA aig 334.21 millean air 1 Faoilleach 2023. Tha àireamh-sluaigh nan SA a' sìor fhàs agus tha dùil gun ruig e mu 374 millean ann an 2050. Tha cuid de bhuidhnean a' fàs nas luaithe na cuid eile.

Anns a' chunntas-sluaigh seo, bha an sluagh:

  • Geal - 75.5% (nam measg 19.1% de dh'Ameireaganaich a thuirt gun robh iad Iospàinnteach no Latino*)
  • Dubh no Afraganach Ameireaganach – 13.6%
  • Innseanach Ameireaganach agus Tùsanach Alasga – 1.3%
  • Àisianach – 6.3%
  • Tùsanach Hawaii agus Eileanaich Eile a' Chuain Shèimh – 0.2%
  • Dà chinneadh no barrachd – 3.0%

*Tha Cunntas-sluaigh nan SA ag ràdh gu bheil Iospàinnteach no Latino a' ciallachadh cuideigin bho thùs no cultar Ciùbanach, Meagsaganach, Puerto Rican, Ameireaga a Deas no Meadhan Ameireaga, no tùs no cultar Spàinnteach sam bith eile a dh'aindeoin an cinnidh. Tha seo a' ciallachadh gum bi daoine a tha gan aithneachadh fhèin mar Iospàinnteach, no Latino, anns na buidhnean gu h-àrd. Bha mu 19.1% de dh'Ameireaganaich gan aithneachadh fhèin mar Iospàinntich ann an 2023.

Dè na treandan a tha ann an àireamh-sluaigh nan SA?

Tha àireamh-sluaigh nan SA a' fàs gu cunbhalach bliadhna às dèidh bliadhna. Anns an àm ri teachd, tha Biùro Cunntas-sluaigh nan SA dhen bheachd gun atharraich cothromachadh nan diofar bhuidhnean cinnidh gu mòr ro 2060.

Ann an 2020, rinn Biùro Cunntas-sluaigh nan SA an tuairmse a leanas:

  • gun tuiteadh an àireamh-sluaigh gheal, Ameireaganach, neo-Iospàinnteach gu mu 44.3% de dh'àireimh-sluaigh nan SA gu lèir
  • dheigheadh àireamh nan Ameireaganach Iospàinnteach suas gu mu 27.5%
  • ann an 2060, bhiodh an àireamh-sluaigh gu lèir a' gabhail a-steach:
    • 15% Ameireaganaich dhubha
    • 8.2% Ameireaganaich Àisianach
    • 1.5% Tùsanaich Ameireaganach agus bho Eileanan a' Chuain Shèimh