Na Stàitean AonaichteRiaghaltas nan SA a' dèiligeadh ri cùisean sòisealta agus eaconamach

Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a' toirt buaidh air saoranaich nan SA.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Riaghaltas nan SA a' dèiligeadh ri cùisean sòisealta agus eaconamach

Tha riaghaltas nan SA a' cuideachadh dhaoine ann an èis anns na SA ann an iomadh dòigh.

Cùram slàinte anns an RA agus anns na SA

'S e Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) a' phrìomh dhòigh anns am bi daoine a' faighinn cùram slàinte anns an RA. Tha cùram an NHS an-asgaidh dhan mhòr-chuid aig an àm a tha iad a' cur feum air. Chan eil ach mi 1 a-mach à 8 anns an RA a' cleachdadh cùram slàinte prìobhaideach.

Anns na SA, tha àrachas meadaigeach prìobhaideach aig a' mhòr-chuid, mu 66%. Tha seo a' ciallachadh gu bheil iad a' pàigheadh a-steach a phoileasaidh àrachais, agus ma bhios iad tinn agus a' cur feum air cùram slàinte, pàighidh an t-àrachas meadaigeach prìobhaideach aca a' chunntas.

Do dh'Ameireaganaich aig nach eil àrachas meadaigeach prìobhaideach, tha Medicaid no Medicare a' còmhdach a' mhòr-chuid dhiubh.

Taic riaghaltais do chùram slàinte – Medicaid agus Medicare

Chan urrainn dhan h-uile duine anns na SA pàigheadh airson cùram meadaigeach prìobhaideach. Mar sin, tha riaghaltas nan SA a' tairgsinn grunn sheirbheisean cùram slàinte airson daoine air tuarastal nas lugha a chuideachadh. Canar Medicaid ris a seo. Faodaidh daoine nas sine no air a bheil tinneas fada prògram cùraim eile a chleachdadh air a bheil Medicare.

Gu chionn ghoirid, bha na millean de dh'Ameireaganaich dha nach robh Medicaid iomchaidh. Bha na daoine sin cuideachd ro bhochd airson àrachas meadaigeach prìobhaideach a bhith aca agus cha robh àrachas aca.

A' leudachadh taic cùram slàinte an riaghaltais – Achd Cùram Neo-chosgail (2010)

Canar uaireannan Obamacare ris an Achd Cùram Neo-chosgail (The Affordable Care Act (2010)). Chuir Barack Obama ainm ris an Achd seo ann an 2010 airson gum biodh cothrom nas fheàrr aig barrachd de shaoranaich Ameireaga air cùram slàinte. Bho 2010, tha an àireamh de dh'Ameireaganaich gun àrachas a tha gun chothrom air cùram slàinte air a dhol sìos còrr is leth. Ach ann an 2022 bha mu 8% de dh'Ameireaganaich fhathast gun àrachas cùram slàinte.

Cobhair Shealach do Theaghlaichean ann an Èis (Temporary Assistance for Needy Families no TANF)

'S e sochair a tha seo a bhios a' cuideachadh theaghlaichean nuair nach urrainn na pàrantan no an luchd-cùraim feumalachdan bunaiteach an teaghlaich a thoirt dhaibh.

Bidh an riaghaltas feadaraileach a' toirt airgead do stàitean fa leth airson seo, agus faodaidh iadsan an uair sin co-dhùnadh a dhèanamh air an uiread a thèid a phàigheadh.

Tha stàitean air an t-airgead a chleachdadh airson airgead a bharrachd a thoirt do theaghlaichean, airson cùram-chloinne, foghlam, trèanadh airson obair agus còmhdhail do phàrantan a' dol gu agallamhan airson obair is às.

Ann an 2022, fhuair 1.0 millean teaghlach, no 2.8 millean neach, TANF.

Prògram Cuideachaidh Mathachadh a bharrachd (Supplemental Nutrition Assistance Program no SNAP)

Seo sochair eile do theaghlaichean ann an èis. Tha teaghlaichean ga fhaighinn airson biadh fallain a cheannach. Tha iad ga fhaighinn ann an cruth cairt le airgead oirre agus faodaidh teaghlaichean a chleachdadh ann am bùithean a tha anns an sgeama.

Gabhaidh a' mhòr-chuid de bhiadh a cheannach le SNAP, ach a-mhàin biadh a tha teth nuair a cheannaicheas tu e. Cha mhotha a dh'fhaodar deoch-làidir, toitean, cungaidhean-leigheis no gnòthaichean slàintealachd a cheannach.

Anns a' Ghiblean 2023, fhuair 41.9 Ameireaganaich sochairean SNAP ann an 22.2 dachaigh. B' e seo 12.5% de shluagh nan SA gu lèir.

Achd Soirbheachaidh Gach Oileanach (Every Student Succeeds Act no ESSA)

Ann an 2015, thug riaghaltas Obama a-steach Achd Soirbheachaidh Gach Oileanach (ESSA). Tha an Achd seo ag amas air goireasan a bharrachd a thoirt do sgoiltean ann an coimhearsnachdan easbhaidheach, agus a' cur a-mach shlatan-tomhais fìor àrd agus soilleir airson gun obraich sgoiltean dhan ionnsaigh. Bheireadh seo eugsamhlachd a bharrachd a shiostam foghlaim nan SA airson coinneachadh ri feumalachdan ionadail agus leudaicheadh e foghlam ro ìre sgoile. (Stòr: Roinn Foghlaim nan SA)

Plana Theaghlaichean Ameireaga (The American Families Plan)

'S e Plana Theaghlaichean Ameireaga fear de phrìomh phoileasaidhean a' Chinn-suidhe Biden airson leasachadh a thoirt air Ameireaga. Tha e na phàirt dhen Build Back Better Framework.

Tha Plana Theaghlaichean Ameireaga airson bochdainn a bheagachadh, cùram slàinte agus seirbheisean foghlaim a leasachadh, agus barrachd taic a thoirt do chùram chloinne. Cuiridh e cuideachd nas lugha chìsean air daoine nach eil cho math dheth. Chaidh Plana Theaghlaichean Ameireaga a stèidheachadh ann an 2021 agus cosgaidh e $1.8 trillean do riaghaltas nan SA thar 10 bliadhna.