Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Neo-ionannachd shòisealtaDè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Tha neo-ionannachd teachd-a-steach no eaconamach a' ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine ann an Alba, mar anns a h-uile dùthaich, a' cosnadh barrachd na daoine eile. Tha tuarastal ìosal glè thric a' ciallachadh gu bheil daoine beò ann am bochdainn choimeasach.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Achd na Co-ionannachd (2010)

Ann an Alba agus anns an RA, tha laghannan agus buidhnean taic ann a tha ag amas air neo-ionannachd a bheagachadh thar diofar bhuidhnean.

Ann an 2010, chuir Pàrlamaid na RA Achd na Co-ionannachd (Equality Act) an gnìomh. Fo Achd na Co-ionannachd tha e an aghaidh an lagha a bhith a' dèanamh leiteachas ann an dòigh sam bith air rud a tha air a dhìon gu h-oifigeil. Tha naoi rudan ann a tha air an dìon fon achd seo:

  • aois
  • ciorram
  • atharrachadh gnè
  • leatrom agus fòrladh màthaireil
  • pòsadh agus com-pàirteachas sìobhalta
  • cinneadh (tha 'cinneadh' a' ciallachadh buidheann de dhaoine a tha gan aithneachadh fhèin a rèir an cinnidh, dath an craicinn no a rèir na dùthcha dham buin iad)
  • creideamh (a' gabhail a-steach eas-creideamh)
  • gnè
  • seòrsa
Naoi nithean a tha air an dìon fo Achd Co-ionannachd 2010

Dè th' ann an leth-bhreith dhìreach?

Tha leth-bhreith dhìreach a' ciallachadh nach eilear a' dèiligeadh gu cothromach ri daoine air sgàth 's cò iad, mar eisimpleir, gun cuideigin fhastadh airson obair bhon as e boireannaich a th' annta.

Dè th' ann an leth-bhreith neo-dhìreach?

Tha leth-bhreith neo-dhìreach a' tachairt nuair a thathar a' dèiligeadh gu mì-chothromach ri cuideigin. Mar eisimpleir, ma tha sanas obrach a' lorg neach-reic le co-dhiù 8 bliadhna de dh'eòlas ann an reic, 's dòcha gun dèanadh sin leth-bhreith air sgàth aois bhon nach biodh na teisteanasan agus na sgilean riatanach aig daoine nas òige.

Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (EHRC)

Tha e an urra ri Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (Equality and Human Rights Commission no EHRC) a bhith a' dìon còraichean a' chinne-daonna agus co-ionannachd. Tha iad a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing gu Achd na Co-ionannachd airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach agus luchd-fastaidh, agus muinntir na dùthcha san fharsaingeachd, ga thuigsinn. Tha e an aghaidh an lagha nas lugha airgid a pàigheadh do chuideigin air sàillibh an gnè. A bharrachd air an seo, chan eil e ceadaichte a bhith a' dèanamh leiteachas air duine sam bith san àit'-obrach air sàillibh an gnè.