Dè a' bhuaidh a tha aig bochdainn?
- Tha buaidh mhòr aig bochdainn air slàinte dhaoine.
- Tha ceangalan soilleir eadar bochdainn agus cion soirbheachaidh ann am foghlam.
- Tha ceangalan soilleir eadar bochdainn agus eucoir.
Droch shlàinte
'S e aon tomhas air buil bochdainn a' bhuaidh a tha aig bochdainn air dùil-aoise – an aois gu bheilear an dùil a bhios daoine beò. Ann an 2023, thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba ann am Baile Ghlaschu, aon dhe na sgìrean comhairle as motha easbhaidh, gum b' an dùil-aoise do dh'fhireannaich 72.9 agus 78.2 do bhoireannaich ann an 2020-22. Bha seo an coimeas ri Siorrachd Rinn Friù an Ear, aon dhe na sgìrean comhairle as beairtiche ann an Alba, far a bheil an dùil-aois chuibheasach do dh'fhireannaich 79.0 agus 84.0 do bhoireannaich ann an 2020-22.
A thaobh tinneas, ann an aithisg eile bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba, lorgadh ann an 2022 gu bheil daoine ann an sgìrean as motha easbhaidh le droch shlàinte mu thrian dhem Beatha an coimeas ri daoine anns na sgìrean as lugha easbhaidh nach bi le droch shlàinte ach 15% dhem beatha.
Tha cuideam breith ìosal cuideachd na chomharra air bochdainn anns a' chomann-shòisealta. Tha clann le cuideam breith ìosal nas buailtiche a bhith le duilgheadasan slàinte nas fhaide air adhart nam beatha. Tha sgrùdaidhean bho Ionad Slàinte a' Phobaill ann an Glaschu air mothachadh gu bheil co-roinn nas motha dhe na leanaban aig màthraichean ann an sgìrean le barrachd bochdainn le cuideam breith ìosal, an coimeas ri feadhainn air am breith ann an sgìrean nas fheàrr dheth.
Smocadh agus deoch-làidir
Chan e a-mhàin bochdainn a bhios a' toirt buaidh air beatha fhada agus deagh shlàinte. Tha buaidh aig dòigh-beatha ris cuideachd. Ann an 2011, thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh ach mu 5% dhe na daoine a bu bhochda ann an Alba a' smocadh. Ach am measg an fheadhainn a bu bhochda, bha 24% a' smocadh.
A thaobh deoch-làidir, thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba ann an 2021 gun robh bàsan co-cheangailte ri deoch-làidir 4.3 uiread nas cumanta anns na sgìrean bu mhotha easbhaidh ann an Alba an coimeas ris na sgìrean bu lugha easbhaidh.
Foghlam agus eucoir
Ma tha pàiste beò ann am bochdainn, tha sin a' toirt buaidh air coileanadh anns an sgoil. Mar eisimpleir, bhon a tha fàs suas ann am bochdainn a' toirt buaidh air deagh shlàinte, tha clann bho na sgìrean as motha easbhaidh nas buailtiche sgoil a chall agus tha sin a' dèanamh cron air an adhartas aca ann am foghlam. Ann an 2021/22, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh 93.6% de sgoilearan ann an ÀS3 bho na sgìrean bu lugha easbhaidh ann an Alba a' coileanadh na Treas Ìre no na b' fheàrr ann an litearrachd aig deireadh ÀS3 an coimeas ri dìreach 77.3% anns na sgìrean bu bhochda ann an Alba. A thaobh àireamhachd, b' e na figearan do chlann a' coileanadh na Treas Ìre no nas fheàrr aig deireadh ÀS3 95.9% anns na sgìrean bu lugha easbhaidh an coimeas ri dìreach 80.9% anns na sgìrean bu mhotha easbhaidh ann an 2021/22.
Tha ceangal soilleir cuideachd eadar bochdainn agus eucoir. Tha fianais ann a tha a' sealltainn gur e bochdainn aon dhe na prìomh adhbharan airson eucoir chionn bidh cuid aig a bheil teachd-a-steach ìosal a' dol gu eucoir airson gum faigh iad na rudan a dh'fheumas iad. Ann an 2021/22, sheall staitistigean bho Riaghaltas na h-Alba gun robh 31% dhe na daoine a bha a' dol dhan phrìosan bhon 10% dhe na sgìrean bu mhotha easbhaidh ann an Alba.